Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceòl sgrìobhte airson 'Geliebt und Verloren' (Gràdhaichte agus Caillte)
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_MISC_002_002
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
6689
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlearachd
dannsan
bhalsaichean
Sheet music for 'Geliebt und Verloren'

Is e seo an ceòl sgrìobhte airson a' chiad ghrunn bhàraichean de 'Geliebt und Verloren' (Gràdhaichte agus Caillte), bhalsa le Müller (Mac a' Mhuilleir). Chaidh fhoillseachadh le Duff & Stiùbhart, Lunnainn. Tha an ceòl mar phàirt de chruinneachadh Alasdair Ghrannd.

B' ann à Battan Gorm,Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942), a thug dha am far-ainm - 'Battan'. Mar bhalach bha cead aige air an dà nì air an robh e gu bhith dìoghrasach na bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith barrail san dà raon; mar iasgair slaite chruthaich e a shlat iasgaich shònraichte fhèin, a bha aithnichte mar 'Slat Triobhualadh a' Ghranndaich', agus mar fhìdhlear, le bhith a' stiùireadh a' Chomainn Ghàidhealaich Shrath-spè agus Ruidhle airson faisg air dà fhichead bliadhna, agus le tighinn gu bhith na eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall gun choimeas le cumadh cruinn leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat iasgaich, de fhidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceòl sgrìobhte airson 'Geliebt und Verloren' (Gràdhaichte agus Caillte)

fìdhlearan; fìdhlearachd; dannsan; bhalsaichean

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Alexander Grant - printed sheet music

Is e seo an ceòl sgrìobhte airson a' chiad ghrunn bhàraichean de 'Geliebt und Verloren' (Gràdhaichte agus Caillte), bhalsa le Müller (Mac a' Mhuilleir). Chaidh fhoillseachadh le Duff & Stiùbhart, Lunnainn. Tha an ceòl mar phàirt de chruinneachadh Alasdair Ghrannd.<br /> <br /> B' ann à Battan Gorm,Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942), a thug dha am far-ainm - 'Battan'. Mar bhalach bha cead aige air an dà nì air an robh e gu bhith dìoghrasach na bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith barrail san dà raon; mar iasgair slaite chruthaich e a shlat iasgaich shònraichte fhèin, a bha aithnichte mar 'Slat Triobhualadh a' Ghranndaich', agus mar fhìdhlear, le bhith a' stiùireadh a' Chomainn Ghàidhealaich Shrath-spè agus Ruidhle airson faisg air dà fhichead bliadhna, agus le tighinn gu bhith na eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall gun choimeas le cumadh cruinn leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat iasgaich, de fhidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis