Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceòl 'MacKenzie Hay' & 'An Abhainn Spè na Tuil' le Skinner
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_MISC_004_017_003
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
6695
KEYWORDS
fìdhlear
fìdhlearan
a' fìdhlearachd
ceòl traidiseanta
srathan-spè
Music for Skinner's 'Mackenzie Hay' & 'The Spey In A Spate'

Is e seo an ceòl sgrìobhte don t-srath-spè 'MacKenzie Hay' agus an ruidhle 'An Abhainn Spè na Tuil' a chaidh a sgrìobhadh le Scott Skinner. Dh'ainmich Skinner a' chiad fhonn dha ceann-suidhe Comann Gàidhealach Shrath-spè agus Ruidhle Lunnainn, agus am fonn eile dha bhean.

Bha Seumas Scott Skinner (1843-1927) na phrìomh dhuine ann an leasachadh ciùil Albannach traidiseanta. B' ann à Beannchar a bha e bho thùs, agus dh'ionnsaich e an fhidheall agus a' bheus-fhidheall aig aois òg agus bha e a' cluiche aig dannsaichean sa choimhearsnachd bho aois ochd bliadhna. Chaidh e air adhart gu bhith na oide fìdhle, na mhaighstir dannsa agus na chluicheadair cliùiteach. Aig toiseach gnothaich, bhiodh e a' cur air cuirmean ciùil anns an Ear-thuath ach mu dheireadh bhiodh e a' cluiche air feadh Alba. Chaidh e fiù 's air turas air feadh nan Stàitean Aonaichte agus Canada ann an 1893. B' e sgrìobhaiche torrach a bh' ann an Skinner cuideachd - chaidh còrr agus 600 de na fuinn aige a chur an clò. Dh'fhoillsich e diofar chruinneachaidhean às dèidh 1861, a' cosnadh an tiotail 'Rìgh nan Srathan-spè' dha fhèin

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceòl 'MacKenzie Hay' & 'An Abhainn Spè na Tuil' le Skinner

fìdhlear; fìdhlearan; a' fìdhlearachd; ceòl traidiseanta; srathan-spè

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Alexander Grant - printed sheet music

Is e seo an ceòl sgrìobhte don t-srath-spè 'MacKenzie Hay' agus an ruidhle 'An Abhainn Spè na Tuil' a chaidh a sgrìobhadh le Scott Skinner. Dh'ainmich Skinner a' chiad fhonn dha ceann-suidhe Comann Gàidhealach Shrath-spè agus Ruidhle Lunnainn, agus am fonn eile dha bhean.<br /> <br /> Bha Seumas Scott Skinner (1843-1927) na phrìomh dhuine ann an leasachadh ciùil Albannach traidiseanta. B' ann à Beannchar a bha e bho thùs, agus dh'ionnsaich e an fhidheall agus a' bheus-fhidheall aig aois òg agus bha e a' cluiche aig dannsaichean sa choimhearsnachd bho aois ochd bliadhna. Chaidh e air adhart gu bhith na oide fìdhle, na mhaighstir dannsa agus na chluicheadair cliùiteach. Aig toiseach gnothaich, bhiodh e a' cur air cuirmean ciùil anns an Ear-thuath ach mu dheireadh bhiodh e a' cluiche air feadh Alba. Chaidh e fiù 's air turas air feadh nan Stàitean Aonaichte agus Canada ann an 1893. B' e sgrìobhaiche torrach a bh' ann an Skinner cuideachd - chaidh còrr agus 600 de na fuinn aige a chur an clò. Dh'fhoillsich e diofar chruinneachaidhean às dèidh 1861, a' cosnadh an tiotail 'Rìgh nan Srathan-spè' dha fhèin