Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sanas airson Cruinneachadh 'Harp And Claymore' le Skinner
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_MISC_004_018_001
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
6700
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
ceòl traidiseanta
srathan spè
Advertisement for Skinner's 'Harp And Claymore' Collection

Ann an 1904, chaidh an cruinneachadh a bu mhotha aig Skinner de cheòl dannsa, fuinn agus òrain, fhoillseachadh leis an tiotal 'The Harp and Claymore'. Tha sanas air an duilleig seo airson a' chruinneachaidh a tha ri fhaotainn bho Bayley & Fearghastan, Lunnain & Glaschu.

B' e duine cudromach a bh' ann an Seumas Scott Skinner (1843-1927) ann an a bhith a' leasachadh ceòl traidiseanta Albannach. À Beannchar bho thùs, dh'ionnsaich e an fhidheall agus a' bheus-fhidheall nuair a bha e òg agus bha e a' cluich aig dannsaichean ionadail bho ochd bliadhna a dh'aois. Chùm e air gu bhith na oide fìdhle, na mhaighstir dannsa agus na chluicheadair cliùiteach, an toiseach a' cur air bhonn chuirmean ciùil san Ear Thuath ach mu dheireadh a' cluiche air feadh Alba. Chaidh e fiù 's air chuairt sna Stàitean Aonaichte agus Canada ann an 1893. B' e sgrìobhaiche ciùil torrach a bh' ann an Skinner cuideachd. Chaidh còrr agus 600 de na fuinn aige a chur an clò. Dh'fhoillsich e diofar chruinneachaidhean bho 1861, a' cosnadh dha fhèin an tiotal 'Rìgh an t-Srathspè'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sanas airson Cruinneachadh 'Harp And Claymore' le Skinner

fìdhlearan; fìdhlean; ceòl traidiseanta; srathan spè

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Alexander Grant - printed sheet music

Ann an 1904, chaidh an cruinneachadh a bu mhotha aig Skinner de cheòl dannsa, fuinn agus òrain, fhoillseachadh leis an tiotal 'The Harp and Claymore'. Tha sanas air an duilleig seo airson a' chruinneachaidh a tha ri fhaotainn bho Bayley & Fearghastan, Lunnain & Glaschu.<br /> <br /> B' e duine cudromach a bh' ann an Seumas Scott Skinner (1843-1927) ann an a bhith a' leasachadh ceòl traidiseanta Albannach. À Beannchar bho thùs, dh'ionnsaich e an fhidheall agus a' bheus-fhidheall nuair a bha e òg agus bha e a' cluich aig dannsaichean ionadail bho ochd bliadhna a dh'aois. Chùm e air gu bhith na oide fìdhle, na mhaighstir dannsa agus na chluicheadair cliùiteach, an toiseach a' cur air bhonn chuirmean ciùil san Ear Thuath ach mu dheireadh a' cluiche air feadh Alba. Chaidh e fiù 's air chuairt sna Stàitean Aonaichte agus Canada ann an 1893. B' e sgrìobhaiche ciùil torrach a bh' ann an Skinner cuideachd. Chaidh còrr agus 600 de na fuinn aige a chur an clò. Dh'fhoillsich e diofar chruinneachaidhean bho 1861, a' cosnadh dha fhèin an tiotal 'Rìgh an t-Srathspè'