Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceithir fhioreannaich le spealan aig Sannda Bheag, 1923
EXTERNAL ID
GAIRLOCHM_1351
ÀITE
Sannda Bheag,
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
DEIT
An t-Sultain 1923
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Gairloch Heritage Museum
AITHNEACHADH MAOINE
6703
KEYWORDS
tuathanachas
àiteachas
luchd-obrach tuathanais
croitearan
Four men with scythes at Little Sand, 1923

Dealbh camara de cheithir fireannaich a' buain le spealan ann an Sannda Bheag san t-Sultain 1923. Suidhichte mìle no dhà nas fhaide shuas an oirthir bho choimhearsnachd croitearachd agus iasgaich Gheàrrloch, tha cuid de na tràighean as bòidhche agus as measail air bheil daoine air an oirthir an iar san sgìre. Nam measg sin tha Sannda Mhòr le àite campachaidh agus carabhanaichean.

B' e coimhearsnachd de chlachain bheaga sgapte a bh' ann an Geàrrloch uaireigin. Mus deach an rathad a chur air dòigh ann an 1843 (an A832 an-diugh), cha mhòr gum faighist ann ach air taobh na mara dheth. Nuair a chaidh 'fhosgladh a-mach', dh'fhàs an sgìre gu math tarraingeach do luchd-turais linn Bhioctòria is iad a' lorg blas milis dhen a' Ghàidhealtachd. Fhuair am baile soirbheas mòr an dèidh do Bhanrigh Bhioctòria tadhal air an àite an 1877. Dh'fhuirich i ann an Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe is i a' gabhail cuairt tron sgìre..

Tha am baile a' toirt bith-beò do dhaoine chun an là an-diugh tron a' cheangal a th' aige ris a' mhuir, gu sònraichte le iasgach ghiomach, chrùbagan agus mhaorach. Tha turasachd fhathast na ghnìomhachas mòr dhan a' bhaile, ged a tha luchd-turais an-diugh nas motha airson a dhol a-mach chun nam beanntan agus gu costa garbh na sgìre, seach a bhith a' snàmh mu thè dhe na tràighean a gheibhear anns an sgìre air neo sealg fhiadh air a' mhonadh, mar a chleachd muinntir linn Bhioctòria romhpa.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceithir fhioreannaich le spealan aig Sannda Bheag, 1923

ROS: Geàrrloch

1920an

tuathanachas; àiteachas; luchd-obrach tuathanais; croitearan

Gairloch Heritage Museum

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection