Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceòl'Càrn Thrums' le Skinner
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_MISC_004_023_003
DEIT
1909
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
6736
KEYWORDS
fìdhlear
fìdhlearan
a' fìdhlearachd
ceòl traidiseanta
srathan-spè
Music for Skinner's 'The Thrums Cairn'

Is e seo an ceòl sgrìobhte dhan ruidhle 'Càrn Thrums', a chaidh an sgrìobhadh le Scott Skinner. Gheibhear an ceòl còmhla ris na sgrìobhaidhean mu dheireadh aig Skinner ann an 'Sreath a' Mhonaidh Ruaidh' (Àireamh 1). Tha notaichean sgrìobhte ann am peansail air an duilleig.

Bha Seumas Scott Skinner (1843-1927) na phrìomh dhuine ann an leasachadh ciùil Albannach traidiseanta. B' ann à Beannchar a bha e bho thùs, agus dh'ionnsaich e an fhidheall agus a' bheus-fhidheall aig aois òg agus bha e a' cluiche aig dannsaichean sa choimhearsnachd bho aois ochd bliadhna. Chaidh e air adhart gu bhith na oide fìdhle, na mhaighstir dannsa agus na chluicheadair cliùiteach. Aig toiseach gnothaich, bhiodh e a' cur air cuirmean ciùil anns an Ear-thuath ach mu dheireadh bhiodh e a' cluiche air feadh Alba. Chaidh e fiù 's air turas air feadh nan Stàitean Aonaichte agus Canada ann an 1893. B' e sgrìobhaiche torrach a bh' ann an Skinner cuideachd - chaidh còrr agus 600 de na fuinn aige a chur an clò. Dh'fhoillsich e diofar chruinneachaidhean às dèidh 1861, a' cosnadh an tiotail 'Rìgh nan Srathan-spè' dha fhèin

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceòl'Càrn Thrums' le Skinner

1900an

fìdhlear; fìdhlearan; a' fìdhlearachd; ceòl traidiseanta; srathan-spè

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Alexander Grant - printed sheet music

Is e seo an ceòl sgrìobhte dhan ruidhle 'Càrn Thrums', a chaidh an sgrìobhadh le Scott Skinner. Gheibhear an ceòl còmhla ris na sgrìobhaidhean mu dheireadh aig Skinner ann an 'Sreath a' Mhonaidh Ruaidh' (Àireamh 1). Tha notaichean sgrìobhte ann am peansail air an duilleig.<br /> <br /> Bha Seumas Scott Skinner (1843-1927) na phrìomh dhuine ann an leasachadh ciùil Albannach traidiseanta. B' ann à Beannchar a bha e bho thùs, agus dh'ionnsaich e an fhidheall agus a' bheus-fhidheall aig aois òg agus bha e a' cluiche aig dannsaichean sa choimhearsnachd bho aois ochd bliadhna. Chaidh e air adhart gu bhith na oide fìdhle, na mhaighstir dannsa agus na chluicheadair cliùiteach. Aig toiseach gnothaich, bhiodh e a' cur air cuirmean ciùil anns an Ear-thuath ach mu dheireadh bhiodh e a' cluiche air feadh Alba. Chaidh e fiù 's air turas air feadh nan Stàitean Aonaichte agus Canada ann an 1893. B' e sgrìobhaiche torrach a bh' ann an Skinner cuideachd - chaidh còrr agus 600 de na fuinn aige a chur an clò. Dh'fhoillsich e diofar chruinneachaidhean às dèidh 1861, a' cosnadh an tiotail 'Rìgh nan Srathan-spè' dha fhèin