Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceòl 'Sreath Monikie', Àireamh 1, còmhdach cùil
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_MISC_004_023_004
DEIT
1909
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
6738
KEYWORDS
fìdhlear
fìdhlearan
a' fìdhlearachd
ceòl traidiseanta
srathan-spè
Music for Skinner's 'Monikie Series', No. 1, back cover

Is e seo an còmhdach cùil air na sgrìobhaidhean mu dheireadh aig Skinner bho 'Sreath Monikie' (Àireamh 1) sa bheil 'Caismeachd Saighdearan MhicShimidh', an t-srath-spè 'Càbag a' Chearain' agus an ruidhle 'Càrn Thrums'. Tha diofar sgrìobhaidhean agus rianachaidhean le Skinner air an liostadh air an duilleig, a chaidh fhoillseachadh le Bayley & Ferguson.

Bha Seumas Scott Skinner (1843-1927) na phrìomh dhuine ann an leasachadh ciùil Albannach traidiseanta. B' ann à Beannchar a bha e bho thùs, agus dh'ionnsaich e an fhidheall agus a' bheus-fhidheall aig aois òg agus bha e a' cluiche aig dannsaichean sa choimhearsnachd bho aois ochd bliadhna. Chaidh e air adhart gu bhith na oide fìdhle, na mhaighstir dannsa agus na chluicheadair cliùiteach. Aig toiseach gnothaich, bhiodh e a' cur air cuirmean ciùil anns an Ear-thuath ach mu dheireadh bhiodh e a' cluiche air feadh Alba. Chaidh e fiù 's air turas air feadh nan Stàitean Aonaichte agus Canada ann an 1893. B' e sgrìobhaiche torrach a bh' ann an Skinner cuideachd - chaidh còrr agus 600 de na fuinn aige a chur an clò. Dh'fhoillsich e diofar chruinneachaidhean às dèidh 1861, a' cosnadh an tiotail 'Rìgh nan Srathan-spè' dha fhèin

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceòl 'Sreath Monikie', Àireamh 1, còmhdach cùil

1900an

fìdhlear; fìdhlearan; a' fìdhlearachd; ceòl traidiseanta; srathan-spè

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Alexander Grant - printed sheet music

Is e seo an còmhdach cùil air na sgrìobhaidhean mu dheireadh aig Skinner bho 'Sreath Monikie' (Àireamh 1) sa bheil 'Caismeachd Saighdearan MhicShimidh', an t-srath-spè 'Càbag a' Chearain' agus an ruidhle 'Càrn Thrums'. Tha diofar sgrìobhaidhean agus rianachaidhean le Skinner air an liostadh air an duilleig, a chaidh fhoillseachadh le Bayley & Ferguson. <br /> <br /> Bha Seumas Scott Skinner (1843-1927) na phrìomh dhuine ann an leasachadh ciùil Albannach traidiseanta. B' ann à Beannchar a bha e bho thùs, agus dh'ionnsaich e an fhidheall agus a' bheus-fhidheall aig aois òg agus bha e a' cluiche aig dannsaichean sa choimhearsnachd bho aois ochd bliadhna. Chaidh e air adhart gu bhith na oide fìdhle, na mhaighstir dannsa agus na chluicheadair cliùiteach. Aig toiseach gnothaich, bhiodh e a' cur air cuirmean ciùil anns an Ear-thuath ach mu dheireadh bhiodh e a' cluiche air feadh Alba. Chaidh e fiù 's air turas air feadh nan Stàitean Aonaichte agus Canada ann an 1893. B' e sgrìobhaiche torrach a bh' ann an Skinner cuideachd - chaidh còrr agus 600 de na fuinn aige a chur an clò. Dh'fhoillsich e diofar chruinneachaidhean às dèidh 1861, a' cosnadh an tiotail 'Rìgh nan Srathan-spè' dha fhèin