Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceòl airson 'Logie Quadrille' le Scott Skinner, duilleag 5
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_MISC_004_027_005
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
6777
KEYWORDS
dannsan
fìdhlearan
fìdhlean
sgrìobhaichean
maighstirean dannsa
srathan spè
cuadrailean
Music for the 'Logie Quadrille' by Scott Skinner, page 5

B' e dannsa dha ceithir chàraidean a bh' anns a' chuadrail, a thàinig a-steach a dh'Alba às an Fhraing timcheall air 1815. dh'fhàs meas mhòr air agus thàinig e gu bhith ann an cruthan sònraichte mar 'Caledonian' agus 'Lancer'. Tha an duilleag seo bhon cheòl sgrìobhte airson 'Cuadrail Lagaidh', aon de fhoillseachaidhean Sgineir. Tha an ceòl ann airson 'The Forty-Twa', 'Fairwell To Gairloch' agus 'The Bonnie Lass O' Bon-Accord'.

B' e duine cudromach a bh' ann an Seumas Scott Skinner (1843-1927) ann an a bhith a' leasachadh ceòl traidiseanta Albannach. À Beannchar bho thùs, dh'ionnsaich e an fhidheall agus a' bheus-fhidheall aig aois òg agus bha e a' cluich aig dannsaichean ionadail bho ochd bliadhna a dh'aois. Chùm e air gu bhith na oide fìdhle, na mhaighstir dannsa agus na chluicheadair cliùiteach, an toiseach a' cur air bhonn chuirmean ciùil san Ear Thuath ach mu dheireadh a' cluiche air feadh Alba. Chaidh e fiù 's air chuairt sna Stàitean Aonaichte agus Canada ann an 1893. B' e sgrìobhaiche ciùil torrach a bh' ann an Skinner cuideachd. Chaidh còrr agus 600 de na fuinn aige a chur an clò. Dh'fhoillsich e diofar chruinneachaidhean air adhart bho 1861, a' cosnadh dha fhèin an tiotal 'Rìgh an t-Srathspè'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceòl airson 'Logie Quadrille' le Scott Skinner, duilleag 5

dannsan; fìdhlearan; fìdhlean; sgrìobhaichean; maighstirean dannsa; srathan spè; cuadrailean

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Alexander Grant - printed sheet music

B' e dannsa dha ceithir chàraidean a bh' anns a' chuadrail, a thàinig a-steach a dh'Alba às an Fhraing timcheall air 1815. dh'fhàs meas mhòr air agus thàinig e gu bhith ann an cruthan sònraichte mar 'Caledonian' agus 'Lancer'. Tha an duilleag seo bhon cheòl sgrìobhte airson 'Cuadrail Lagaidh', aon de fhoillseachaidhean Sgineir. Tha an ceòl ann airson 'The Forty-Twa', 'Fairwell To Gairloch' agus 'The Bonnie Lass O' Bon-Accord'.<br /> <br /> B' e duine cudromach a bh' ann an Seumas Scott Skinner (1843-1927) ann an a bhith a' leasachadh ceòl traidiseanta Albannach. À Beannchar bho thùs, dh'ionnsaich e an fhidheall agus a' bheus-fhidheall aig aois òg agus bha e a' cluich aig dannsaichean ionadail bho ochd bliadhna a dh'aois. Chùm e air gu bhith na oide fìdhle, na mhaighstir dannsa agus na chluicheadair cliùiteach, an toiseach a' cur air bhonn chuirmean ciùil san Ear Thuath ach mu dheireadh a' cluiche air feadh Alba. Chaidh e fiù 's air chuairt sna Stàitean Aonaichte agus Canada ann an 1893. B' e sgrìobhaiche ciùil torrach a bh' ann an Skinner cuideachd. Chaidh còrr agus 600 de na fuinn aige a chur an clò. Dh'fhoillsich e diofar chruinneachaidhean air adhart bho 1861, a' cosnadh dha fhèin an tiotal 'Rìgh an t-Srathspè'