- TIOTAL
- Cèis le Ceòl airson 'Am Bungalow' le Skinner (an aghaidh)
- EXTERNAL ID
- Z_GB1796_GRANT_979_65_MUSIC_001_003
- DEIT
- 1912
- LINN
- 1910an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 6798
- KEYWORDS
- fìdhlearan
fìdhlean
slatan iasgaich
luchd-ciùil
sgrìobhaichean ciùil
srathan spè
cèisean
B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat-iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall shònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.
Bha an Granndach na charaid mòr dha neach-ciùil agus neach-sgrìobhaidh ciùil eile, Seumas Scott Skinner (1843-1927), a bha na phrìomh mheadhan air leasachadh ciùil Albannach traidiseanta agus bhathar gu tric ga ainmeachadh mar 'Rìgh an t-Srathspè'. Tha an earrann ciùil seo ann an làmh-sgrìobhaidh Skinner a' nochdadh air aghaidh cèis a chaidh a chur gu Alasdair Grannd air 25 Iuchar 1912. Is e an ceòl airson ruidhle Skinner 'Am Bungalow' a tha ann. Aig an àm seo, bha an Granndach a' fuireach aig Tuathanas Tom na h-Iubhraich, Inbhir Nis