Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cairt-phuist le ceòl airson 'The Thrums Cairn' leSkinner (an aghaidh)
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_MUSIC_001_008
DEIT
1908
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
6806
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan iasgaich
luchd-ciùil
sgrìobhaichean ciùil
srathan spè
cairtean puist
Postcard with Music for Skinner's 'The Thrums Cairn' (front)

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat-iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall shònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.

Bha an Granndach na charaid mòr dha neach-ciùil agus neach-sgrìobhaidh ciùil eile, Seumas Scott Skinner (1843-1927), a bha na phrìomh mheadhan air leasachadh ciùil Albannach traidiseanta agus bhathar gu tric ga ainmeachadh mar 'Rìgh an t-Srathspè'. Chaidh a' chairt-puist seo a chur (comharra-puist à Dùn Dè) gu Alasdair Grannd, Inbhir Nis le Scott Skinner air 30 Dàmhair 1908. Air a' chùl tha ceòl airson ruidhle Skinner 'Càrn Thrums'. Tha seòladh a' Ghranndaich aig 'Bothan a' Chaorainn, Rathad Bhaile na Faire' air a dhubhadh a-mach agus tha 'Tuathanas Tom na h-Iubhraich' air a chur ann na àite

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cairt-phuist le ceòl airson 'The Thrums Cairn' leSkinner (an aghaidh)

1900an

fìdhlearan; fìdhlean; slatan iasgaich; luchd-ciùil; sgrìobhaichean ciùil; srathan spè; cairtean puist

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant - handwritten music

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat-iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall shònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.<br /> <br /> Bha an Granndach na charaid mòr dha neach-ciùil agus neach-sgrìobhaidh ciùil eile, Seumas Scott Skinner (1843-1927), a bha na phrìomh mheadhan air leasachadh ciùil Albannach traidiseanta agus bhathar gu tric ga ainmeachadh mar 'Rìgh an t-Srathspè'. Chaidh a' chairt-puist seo a chur (comharra-puist à Dùn Dè) gu Alasdair Grannd, Inbhir Nis le Scott Skinner air 30 Dàmhair 1908. Air a' chùl tha ceòl airson ruidhle Skinner 'Càrn Thrums'. Tha seòladh a' Ghranndaich aig 'Bothan a' Chaorainn, Rathad Bhaile na Faire' air a dhubhadh a-mach agus tha 'Tuathanas Tom na h-Iubhraich' air a chur ann na àite