Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Our String Band', Moladh Bàrdachdail dha Alasdair Grannd (Batan)
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_MUSIC_004_001
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
6814
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
luchd ciùil
sgrìobhaichean ciùil
cuirmean ciùil
srathan spè
dàin
bàrdachd
'Our String Band', a Poetic Tribute to Alexander Grant (Battan)

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall sònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.

Tha an sgrìobhainn seo leis an ainm 'Our String Band' mar mholadh bàrdachdail dha Alasdair Grannd a bha na Stiùiriche air Comann Srathspè agus Ruidhle Gàidhealach. Is e an luchd-ciùil eile air a bheilear a' toirt iomradh Scott Skinner, Stradivorious [Stradivarius], Niall Mac a' Ghobhainn, agus Seonaidh Friseal (fear a bha sa chòmhlan ciùil còmhla riutha agus rùnaire a' comainn).

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Our String Band', Moladh Bàrdachdail dha Alasdair Grannd (Batan)

fìdhlearan; fìdhlean; luchd ciùil; sgrìobhaichean ciùil; cuirmean ciùil; srathan spè; dàin; bàrdachd

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Alexander Grant - printed sheet music

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall sònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.<br /> <br /> Tha an sgrìobhainn seo leis an ainm 'Our String Band' mar mholadh bàrdachdail dha Alasdair Grannd a bha na Stiùiriche air Comann Srathspè agus Ruidhle Gàidhealach. Is e an luchd-ciùil eile air a bheilear a' toirt iomradh Scott Skinner, Stradivorious [Stradivarius], Niall Mac a' Ghobhainn, agus Seonaidh Friseal (fear a bha sa chòmhlan ciùil còmhla riutha agus rùnaire a' comainn).