Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceòl airson 'The Lone Highland Glen' le Iain Murchadh MacEanraig
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_MUSIC_008_001
DEIT
1927
LINN
1920s
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
6822
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan iasgaich
luchd-ciùil
sgrìobhaichean ciùil
Music for 'The Lone Highland Glen' by John Murdoch Henderson

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat-iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall shònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.

Tha an làmh-sgrìobhainn seo mar phàirt den chruinneachadh aig a' Ghranndach. Tha an ceòl ann airson ''The Lone Highland Glen' le Iain Murchadh MacEanraig a chaidh a sgrìobhadh ann an 1927. Tha not aig a' bhonn ag ràdh gu bheil MacEanraig air am fonn a thoirt dha 'Comann Srathspè agus Ruidhle na Gàidhealtachd' le a 'Dheagh Dhùrachdan'. (À Achadh Rèite, Siorrachd Obar Dheathain, bha MacEanraig (1902 - 1972) na neach-ciùil torrach (fidheall agus piàna), na sgrìobhaiche ciùil agus na neach-trusaidh ciùil. dh'fhoillsich e a chruinneachadh ciùil ainmeil 'Flowers of Scottish Melody' ann an 1935)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceòl airson 'The Lone Highland Glen' le Iain Murchadh MacEanraig

1920s

fìdhlearan; fìdhlean; slatan iasgaich; luchd-ciùil; sgrìobhaichean ciùil

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant - handwritten music

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat-iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall shònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.<br /> <br /> Tha an làmh-sgrìobhainn seo mar phàirt den chruinneachadh aig a' Ghranndach. Tha an ceòl ann airson ''The Lone Highland Glen' le Iain Murchadh MacEanraig a chaidh a sgrìobhadh ann an 1927. Tha not aig a' bhonn ag ràdh gu bheil MacEanraig air am fonn a thoirt dha 'Comann Srathspè agus Ruidhle na Gàidhealtachd' le a 'Dheagh Dhùrachdan'. (À Achadh Rèite, Siorrachd Obar Dheathain, bha MacEanraig (1902 - 1972) na neach-ciùil torrach (fidheall agus piàna), na sgrìobhaiche ciùil agus na neach-trusaidh ciùil. dh'fhoillsich e a chruinneachadh ciùil ainmeil 'Flowers of Scottish Melody' ann an 1935)