- TIOTAL
- Ceòl airson 'The Highlands of Banffshire' & ruidle le J. M. Henderson
- EXTERNAL ID
- Z_GB1796_GRANT_979_65_MUSIC_012_001
- DEIT
- 1934
- LINN
- 1930an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 6832
- KEYWORDS
- fìdhlearan
fìdhlean
slatan iasgaich
luchd-ciùil
sgrìobhaichean ciùil

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat-iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall shònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.
Tha an làmh-sgrìobhainn seo mar phàirt de chruinneachadh a' Ghranndaich. Tha an ceòl ann airson 'The Highlands of Banffshire' (Cruinneachadh a' Chaiptein Sìm Friseal) agus ruidhle gun ainm le Iain Murchadh MacEanraig, leis a' cheann-là 7mh Giblean 1934. (Fear de mhuinntir Achadh Rèite, Siorrachd Obar Dheathain, b' e neach-ciùil torrach (fidheall agus piàna), sgrìobhaiche ciùil agus neach-cruinneachaidh ciùil, a bh' ann an MacEanraig (1902 - 1972). dh'fhoillsich e a chruinneachadh ciùil ainmeil 'Flowers of Scottish Melody', ann an 1935)