Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceòl airson 'The Miller o' Dervil' & ruidhle le J.M. MacEanraig
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_MUSIC_012_002
DEIT
1934
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
6834
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan iasgaich
luchd-ciùil
sgrìobhaichean ciùil
Music for 'The Miller o' Dervil' & a reel by J. M. Henderson

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat-iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall shònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.

Tha an làmh-sgrìobhainn seo mar phàirt de chruinneachadh a' Ghranndaich. Tha an ceòl ann airson 'Bob Steele 'The Miller o' Dervil'' (Seumas Barnett, Ciorcabhal) agus ruidhle gun ainm le Iain Murchadh MacEanraig, leis a' cheann-là 7mh Giblean 1934. (Fear de mhuinntir Achadh Rèite, Siorrachd Obar Dheathain, b' e neach-ciùil torrach (fidheall agus piàna), sgrìobhaiche ciùil agus neach-cruinneachaidh ciùil, a bh' ann an MacEanraig (1902 - 1972). dh'fhoillsich e a chruinneachadh ciùil ainmeil 'Flowers of Scottish Melody',ann an 1935)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceòl airson 'The Miller o' Dervil' & ruidhle le J.M. MacEanraig

1930an

fìdhlearan; fìdhlean; slatan iasgaich; luchd-ciùil; sgrìobhaichean ciùil

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant - handwritten music

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat-iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall shònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.<br /> <br /> Tha an làmh-sgrìobhainn seo mar phàirt de chruinneachadh a' Ghranndaich. Tha an ceòl ann airson 'Bob Steele 'The Miller o' Dervil'' (Seumas Barnett, Ciorcabhal) agus ruidhle gun ainm le Iain Murchadh MacEanraig, leis a' cheann-là 7mh Giblean 1934. (Fear de mhuinntir Achadh Rèite, Siorrachd Obar Dheathain, b' e neach-ciùil torrach (fidheall agus piàna), sgrìobhaiche ciùil agus neach-cruinneachaidh ciùil, a bh' ann an MacEanraig (1902 - 1972). dh'fhoillsich e a chruinneachadh ciùil ainmeil 'Flowers of Scottish Melody',ann an 1935)