Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceòl airson 'The Emerald Isle' le Scott Skinner
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_MUSIC_015_002
DEIT
1905
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
6840
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan iasgaich
luchd-ciùil
sgrìobhaichean ciùil
srathan spè
Music for 'The Emerald Isle' by Scott Skinner

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat-iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall shònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.

Bha an Granndach na charaid mòr dha neach-ciùil agus neach-sgrìobhaidh ciùil eile, Seumas Scott Skinner (1843-1927), a bha na phrìomh mheadhan air leasachadh ciùil Albannach traidiseanta agus bhathar gu tric ga ainmeachadh mar 'Rìgh an t-Srathspè'.
Chaidh an làmh-sgrìobhainn seo (ceann-là Dàmhair 1905) a chur gun Ghranndach le Skinner. Tha an ceòl airson 'The Emerald Isle' ann, fonn nach deach fhoillseachadh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceòl airson 'The Emerald Isle' le Scott Skinner

1900an

fìdhlearan; fìdhlean; slatan iasgaich; luchd-ciùil; sgrìobhaichean ciùil; srathan spè

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant - handwritten music

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat-iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall shònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.<br /> <br /> Bha an Granndach na charaid mòr dha neach-ciùil agus neach-sgrìobhaidh ciùil eile, Seumas Scott Skinner (1843-1927), a bha na phrìomh mheadhan air leasachadh ciùil Albannach traidiseanta agus bhathar gu tric ga ainmeachadh mar 'Rìgh an t-Srathspè'. <br /> Chaidh an làmh-sgrìobhainn seo (ceann-là Dàmhair 1905) a chur gun Ghranndach le Skinner. Tha an ceòl airson 'The Emerald Isle' ann, fonn nach deach fhoillseachadh