Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Earrann Ciùil dha Sgoilearan Adhartach le Scott Skinner
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_MUSIC_021_001
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
6856
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan iasgaich
luchd-ciùil
sgrìobhaichean ciùil
srathan spè
Music extract for Advanced Pupils by Scott Skinner

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat-iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall shònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.

Bha an Granndach na charaid mòr dha neach-ciùil agus neach-sgrìobhaidh ciùil eile, Seumas Scott Skinner (1843-1927), a bha na phrìomh mheadhan air leasachadh ciùil Albannach traidiseanta agus bhathar gu tric ga ainmeachadh mar 'Rìgh an t-Srathspè'. Chaidh an làmh-sgrìobhainn seo (gun cheann-là) a chur gun Ghranndach le Skinner. Tha grunn bhàraichean ciùil ann dha 'sgoilearan adhartach' a sgrìobh Scott Skinner

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Earrann Ciùil dha Sgoilearan Adhartach le Scott Skinner

fìdhlearan; fìdhlean; slatan iasgaich; luchd-ciùil; sgrìobhaichean ciùil; srathan spè

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant - handwritten music

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat-iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall shònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.<br /> <br /> Bha an Granndach na charaid mòr dha neach-ciùil agus neach-sgrìobhaidh ciùil eile, Seumas Scott Skinner (1843-1927), a bha na phrìomh mheadhan air leasachadh ciùil Albannach traidiseanta agus bhathar gu tric ga ainmeachadh mar 'Rìgh an t-Srathspè'. Chaidh an làmh-sgrìobhainn seo (gun cheann-là) a chur gun Ghranndach le Skinner. Tha grunn bhàraichean ciùil ann dha 'sgoilearan adhartach' a sgrìobh Scott Skinner