Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceòl airson 'The Perthshire Hunt', 'The Brig o' Perth' & 'A Cradle Song'
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_MUSIC_039_001
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
6900
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan iasgaich
luchd-ciùil
sgrìobhaichean ciùil
srathan spè
ruidhlichean
fuinn
Music for 'The Perthshire Hunt', 'The Brig o' Perth' & 'A Cradle Song'

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat-iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall shònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.

Tha an làmh-sgrìobhainn seo mar phàirt de chruinneachadh a' Ghranndaich. Tha an ceòl ann airson na ruidhle, 'The Perthshire Hunt' leis a' Bh-Uas Stirling à Àrd Ach, an t-srathspè 'The Brig o' Perth' le Dòmhnall Dow, agus am fonn aoghaireil 'A Cradle Song' le Scott Skinner (gu cumanta aithnichte mar 'The Cradle Song')

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceòl airson 'The Perthshire Hunt', 'The Brig o' Perth' & 'A Cradle Song'

fìdhlearan; fìdhlean; slatan iasgaich; luchd-ciùil; sgrìobhaichean ciùil; srathan spè; ruidhlichean; fuinn

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant - handwritten music

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat-iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall shònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.<br /> <br /> Tha an làmh-sgrìobhainn seo mar phàirt de chruinneachadh a' Ghranndaich. Tha an ceòl ann airson na ruidhle, 'The Perthshire Hunt' leis a' Bh-Uas Stirling à Àrd Ach, an t-srathspè 'The Brig o' Perth' le Dòmhnall Dow, agus am fonn aoghaireil 'A Cradle Song' le Scott Skinner (gu cumanta aithnichte mar 'The Cradle Song')