- TIOTAL
- Ceòl airson 'Banks' & 'Miss Primrose' le Scott Skinner
- EXTERNAL ID
- Z_GB1796_GRANT_979_65_MUSIC_040_001
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 6903
- KEYWORDS
- fìdhlearan
fìdhlean
slatan iasgaich
luchd-ciùil
sgrìobhaichean ciùil
srathan spè
puirt aotrom
B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat-iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall shònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.

Bha an Granndach na charaid mòr dha neach-ciùil agus neach-sgrìobhaidh ciùil eile, Seumas Scott Skinner (1843-1927), a bha na phrìomh mheadhan air leasachadh ciùil Albannach traidiseanta agus bhathar gu tric ga ainmeachadh mar 'Rìgh an t-Srathspè'. Tha an làmh-sgrìobhainn seo ann an làmh sgrìobhaidh Skinner mar phàirt de chruinneachadh a' Ghranndaich. Tha an ceòl ann airson a' phuirt aotrom 'Banks', a chaidh a sgrìobhadh bho thùs le Parazotti, ach air a rianachadh an seo le Skinner, agus an ceòl airson an t-srathspè 'a' Bh-Uas Primrose', a chaidh a sgrìobhadh le Skinner. Tha fiosrachadh a bharrachd le Skinner ag ràdh gur e 'Miss Primrose' an t-ainm a tha air an fhidhill a cheannaich e bho Mhghr. Beveridge [à Tough, Siorrachd Obar Dheathain]. Ann am facail Skinner fhèin, 'tha fuaim grinn aice'