Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rèiteachaidhean agus Notaichean airson 'The Devil in the Kitchen' le Scott Skinner
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_MUSIC_041_001
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
6905
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan-iasgaich
luchd-ciùil
sgrìobhaichean
srathan-spè
Arrangements & Notes for 'The Devil in the Kitchen' by Scott Skinner

Bhuineadh Alasdair Grannd (1856 - 1942) do Bhattangorm, Drochaid Chàrr, agus b' ann bho ainm a' bhaile a thàinig am far-ainm aige - "Battan". Na bhalach bha e an lùib an dà rud bu mhotha anns am biodh ùidh aige fad a bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Dh'fhàs e air leth math air an dà chuid; na iasgair-slait dh'innlich e a shlat shònraichte fhèin air an robh 'Grant Vibration Rod', agus na fhìdhlear bha e os cionn Comann Srath-spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd cha mhòr fad fichead bliadhna agus bha e na eòlaiche air mar a dhèanar fidheall. Dh'innlich e cuideachd fidheall shònraichte air cruth clàir air an robh "Rondello". Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Inbhir Nis (IMAG).

Bha an Granndach na dheagh charaid aig Seumas Scott Skinner (1843-1927) a bha cuideachd na fhear-ciùil 's na sgrìobhaiche. Bha àite mòr aig Skinner ann an leasachadh ceòl traidiseanta na h-Alba agus chanadh ris gu tric 'Rìgh an Sratha-spè'. Tha an làmh-sgrìobhainn seo ann an làimh Skinner na pàirt de chruinneachadh a' Ghranndaich. Tha rèiteachaidhean agus notaichean Skinner innte airson an t-srath-spè pìoba 'The Prince of Wales Jig' no 'The Devil in the Kitchen' (ris an canar cuideachd 'The Devil's in the Kitchen') le Uilleam Ros, Pìobaire na Banrigh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Rèiteachaidhean agus Notaichean airson 'The Devil in the Kitchen' le Scott Skinner

fìdhlearan; fìdhlean; slatan-iasgaich; luchd-ciùil; sgrìobhaichean; srathan-spè

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant - handwritten music

Bhuineadh Alasdair Grannd (1856 - 1942) do Bhattangorm, Drochaid Chàrr, agus b' ann bho ainm a' bhaile a thàinig am far-ainm aige - "Battan". Na bhalach bha e an lùib an dà rud bu mhotha anns am biodh ùidh aige fad a bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Dh'fhàs e air leth math air an dà chuid; na iasgair-slait dh'innlich e a shlat shònraichte fhèin air an robh 'Grant Vibration Rod', agus na fhìdhlear bha e os cionn Comann Srath-spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd cha mhòr fad fichead bliadhna agus bha e na eòlaiche air mar a dhèanar fidheall. Dh'innlich e cuideachd fidheall shònraichte air cruth clàir air an robh "Rondello". Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Inbhir Nis (IMAG).<br /> <br /> Bha an Granndach na dheagh charaid aig Seumas Scott Skinner (1843-1927) a bha cuideachd na fhear-ciùil 's na sgrìobhaiche. Bha àite mòr aig Skinner ann an leasachadh ceòl traidiseanta na h-Alba agus chanadh ris gu tric 'Rìgh an Sratha-spè'. Tha an làmh-sgrìobhainn seo ann an làimh Skinner na pàirt de chruinneachadh a' Ghranndaich. Tha rèiteachaidhean agus notaichean Skinner innte airson an t-srath-spè pìoba 'The Prince of Wales Jig' no 'The Devil in the Kitchen' (ris an canar cuideachd 'The Devil's in the Kitchen') le Uilleam Ros, Pìobaire na Banrigh