Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rèiteachadh airson 'The Marquis of Huntly's Farewell' le Scott Skinner
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_MUSIC_042_001
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
6906
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan-iasgaich
luchd-ciùil
sgrìobhaichean
srathan-spè
Arrangement for 'The Marquis of Huntly's Farewell' by Scott Skinner

Bhuineadh Alasdair Grannd (1856 - 1942) do Bhattangorm, Drochaid Chàrr, agus b' ann bho ainm a' bhaile a thàinig am far-ainm aige - "Battan". Na bhalach bha e an lùib an dà rud bu mhotha anns am biodh ùidh aige fad a bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Dh'fhàs e air leth math air an dà chuid; na iasgair-slait dh'innlich e a shlat shònraichte fhèin air an robh 'Grant Vibration Rod', agus na fhìdhlear bha e os cionn Comann Srath-spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd cha mhòr fad fichead bliadhna agus bha e na eòlaiche air mar a dhèanar fidheall. Dh'innlich e cuideachd fidheall shònraichte air cruth clàir air an robh "Rondello". Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Inbhir Nis (IMAG).

Bha an Granndach na dheagh charaid aig Seumas Scott Skinner (1843-1927) a bha cuideachd na fhear-ciùil 's na sgrìobhaiche. Bha àite mòr aig Skinner ann an leasachadh ceòl traidiseanta na h-Alba agus chanadh ris gu tric 'Rìgh an Sratha-spè'. Tha an làmh-sgrìobhainn seo ann an làimh Skinner na pàirt de chruinneachadh a' Ghranndaich. Tha rèiteachaidhean Skinner innte airson 'The Marquis of Huntly's Farewell', le Uilleam Marshall. Tha nota aig a' chliathaich ag ràdh 'As played at Inverness, Sept. 1863'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Rèiteachadh airson 'The Marquis of Huntly's Farewell' le Scott Skinner

fìdhlearan; fìdhlean; slatan-iasgaich; luchd-ciùil; sgrìobhaichean; srathan-spè

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant - handwritten music

Bhuineadh Alasdair Grannd (1856 - 1942) do Bhattangorm, Drochaid Chàrr, agus b' ann bho ainm a' bhaile a thàinig am far-ainm aige - "Battan". Na bhalach bha e an lùib an dà rud bu mhotha anns am biodh ùidh aige fad a bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Dh'fhàs e air leth math air an dà chuid; na iasgair-slait dh'innlich e a shlat shònraichte fhèin air an robh 'Grant Vibration Rod', agus na fhìdhlear bha e os cionn Comann Srath-spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd cha mhòr fad fichead bliadhna agus bha e na eòlaiche air mar a dhèanar fidheall. Dh'innlich e cuideachd fidheall shònraichte air cruth clàir air an robh "Rondello". Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Inbhir Nis (IMAG).<br /> <br /> Bha an Granndach na dheagh charaid aig Seumas Scott Skinner (1843-1927) a bha cuideachd na fhear-ciùil 's na sgrìobhaiche. Bha àite mòr aig Skinner ann an leasachadh ceòl traidiseanta na h-Alba agus chanadh ris gu tric 'Rìgh an Sratha-spè'. Tha an làmh-sgrìobhainn seo ann an làimh Skinner na pàirt de chruinneachadh a' Ghranndaich. Tha rèiteachaidhean Skinner innte airson 'The Marquis of Huntly's Farewell', le Uilleam Marshall. Tha nota aig a' chliathaich ag ràdh 'As played at Inverness, Sept. 1863'