Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rèiteachaidhean airson 'The Marchioness' & 'Stirling Castle'
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_MUSIC_042_002
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
6908
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan-iasgaich
luchd-ciùil
sgrìobhaichean
srathan-spè
Arrangements for 'The Marchioness' & 'Stirling Castle'

Bhuineadh Alasdair Grannd (1856 - 1942) do Bhattangorm, Drochaid Chàrr, agus b' ann bho ainm a' bhaile a thàinig am far-ainm aige - "Battan". Na bhalach bha e an lùib an dà rud bu mhotha anns am biodh ùidh aige fad a bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Dh'fhàs e air leth math air an dà chuid; na iasgair-slait dh'innlich e a shlat shònraichte fhèin air an robh 'Grant Vibration Rod', agus na fhìdhlear bha e os cionn Comann Srath-spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd cha mhòr fad fichead bliadhna agus bha e na eòlaiche air mar a dhèanar fidheall. Dh'innlich e cuideachd fidheall shònraichte air cruth clàir air an robh "Rondello". Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Inbhir Nis (IMAG).

Bha an Granndach na dheagh charaid aig Seumas Scott Skinner (1843-1927) a bha cuideachd na fhear-ciùil 's na sgrìobhaiche. Bha àite mòr aig Skinner ann an leasachadh ceòl traidiseanta na h-Alba agus chanadh ris gu tric 'Rìgh an Sratha-spè'. Tha an làmh-sgrìobhainn seo ann an làimh Skinner na pàirt de chruinneachadh a' Ghranndaich. Tha rèiteachaidhean Skinner innte airson dà shrath-spè - 'The Marchioness[of Huntly]' le Uilleam Marshall agus 'Stirling Castle' leis an Ollamh Bannatyne à Obar Dheathain. Tha fo-nota Skinner ag ràdh 'To meet, to cheer, to know and then to part, Is the sad tale of many a human heart'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Rèiteachaidhean airson 'The Marchioness' & 'Stirling Castle'

fìdhlearan; fìdhlean; slatan-iasgaich; luchd-ciùil; sgrìobhaichean; srathan-spè

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant - handwritten music

Bhuineadh Alasdair Grannd (1856 - 1942) do Bhattangorm, Drochaid Chàrr, agus b' ann bho ainm a' bhaile a thàinig am far-ainm aige - "Battan". Na bhalach bha e an lùib an dà rud bu mhotha anns am biodh ùidh aige fad a bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Dh'fhàs e air leth math air an dà chuid; na iasgair-slait dh'innlich e a shlat shònraichte fhèin air an robh 'Grant Vibration Rod', agus na fhìdhlear bha e os cionn Comann Srath-spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd cha mhòr fad fichead bliadhna agus bha e na eòlaiche air mar a dhèanar fidheall. Dh'innlich e cuideachd fidheall shònraichte air cruth clàir air an robh "Rondello". Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Inbhir Nis (IMAG).<br /> <br /> Bha an Granndach na dheagh charaid aig Seumas Scott Skinner (1843-1927) a bha cuideachd na fhear-ciùil 's na sgrìobhaiche. Bha àite mòr aig Skinner ann an leasachadh ceòl traidiseanta na h-Alba agus chanadh ris gu tric 'Rìgh an Sratha-spè'. Tha an làmh-sgrìobhainn seo ann an làimh Skinner na pàirt de chruinneachadh a' Ghranndaich. Tha rèiteachaidhean Skinner innte airson dà shrath-spè - 'The Marchioness[of Huntly]' le Uilleam Marshall agus 'Stirling Castle' leis an Ollamh Bannatyne à Obar Dheathain. Tha fo-nota Skinner ag ràdh 'To meet, to cheer, to know and then to part, Is the sad tale of many a human heart'