Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cairt Gnothachais Alasdair Grannd
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_NEWSPAPERCUTTINGS_002
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
6910
KEYWORDS
fìdhlean
fìdhlearan
fìdhlearachd
slatan iasgaich
Alexander Grant's Business Card

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod' agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall sònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.

Sa Chèitean 1887 ghluais an Granndach a ghnothachas slait agus uidheam iasgaich bho Dhrochaid Chàrr gu Inbhir Nis, an toiseach ann an Toglaichean Ghleann Albain air Sràid Young. An uair sin ghluais e gu togalach aig 7 Caolshràid Baran Mhic an Tàilleir. Tha a' chairt gnothachais seo bhon àm sin

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cairt Gnothachais Alasdair Grannd

fìdhlean; fìdhlearan; fìdhlearachd; slatan iasgaich

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Alexander Grant - miscellaneous printed pages

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod' agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall sònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.<br /> <br /> Sa Chèitean 1887 ghluais an Granndach a ghnothachas slait agus uidheam iasgaich bho Dhrochaid Chàrr gu Inbhir Nis, an toiseach ann an Toglaichean Ghleann Albain air Sràid Young. An uair sin ghluais e gu togalach aig 7 Caolshràid Baran Mhic an Tàilleir. Tha a' chairt gnothachais seo bhon àm sin