Ùrachadh mu Dheireadh 18/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dreach litir (gun ceann-latha) bho Alasdair Grannd, duilleag 2
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_PATENT_001_002
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
6921
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan-iasgaich
Draft Letter (undated) from Alexander Grant, page 2

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942), is 's e sin an t-adhbhar gun d' fhuair e am far-ainm - 'Battan'. Nuair a bha e na bhalach chuir e eòlas air dà rud a bha gu bhith air leth cudromach na bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith air leth math air gach rud; mar iasgair nuair a chruthaich e an slat-iasgaich iongantach aige fhèin ris an canar an 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear le bhith a' stiùireadh Comann Srath Spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd airson faisg air dà fhichead bliadhna agus thànaig e gu bhith na eòlaiche air dòighean cruthachaidh fhìdhlean. A thuilleadh air an sin chruthaich e fidheall sònraichte ann an cruth diosg ris an canar an 'Rondello'. Chithear eisimpleir den t-slat-iasgaich, an fhidheall agus an Rondello aig a' Ghranndach aig Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis (IMAG).

Chaidh an dreach litir seo (as aonais ceann-latha) a sgrìobhadh leis a' Ghranndach agus tha e mu dheidhinn iasgach a' mhaghair. Tha i air a sgrìobhadh air cùlaibh postair airson an 'Railway Watch Company's Prize Draw' (An t-Iuchar 1900). Tha i gu neach-deasachaidh pàipear air neo iris far an do nochd litir bhon a' Ghranndach roimhe. Tha an Granndach a' togail grunnan chùisean anns an litir seo, nam measg mearachd clò-bhualaidh anns an litir mu dheireadh aige; gu bheil e an aghaidh a bhith a' cur a-mach dubhain le bhith gan cur os cionn do cheann; an taisbeanadh aige mu dheidhinn cur a-mach dubhain air Abhainn Thames; agus na buannachdan aig an 'Vibration Rod' aige.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dreach litir (gun ceann-latha) bho Alasdair Grannd, duilleag 2

fìdhlearan; fìdhlean; slatan-iasgaich

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant (hand written material)

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942), is 's e sin an t-adhbhar gun d' fhuair e am far-ainm - 'Battan'. Nuair a bha e na bhalach chuir e eòlas air dà rud a bha gu bhith air leth cudromach na bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith air leth math air gach rud; mar iasgair nuair a chruthaich e an slat-iasgaich iongantach aige fhèin ris an canar an 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear le bhith a' stiùireadh Comann Srath Spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd airson faisg air dà fhichead bliadhna agus thànaig e gu bhith na eòlaiche air dòighean cruthachaidh fhìdhlean. A thuilleadh air an sin chruthaich e fidheall sònraichte ann an cruth diosg ris an canar an 'Rondello'. Chithear eisimpleir den t-slat-iasgaich, an fhidheall agus an Rondello aig a' Ghranndach aig Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis (IMAG).<br /> <br /> Chaidh an dreach litir seo (as aonais ceann-latha) a sgrìobhadh leis a' Ghranndach agus tha e mu dheidhinn iasgach a' mhaghair. Tha i air a sgrìobhadh air cùlaibh postair airson an 'Railway Watch Company's Prize Draw' (An t-Iuchar 1900). Tha i gu neach-deasachaidh pàipear air neo iris far an do nochd litir bhon a' Ghranndach roimhe. Tha an Granndach a' togail grunnan chùisean anns an litir seo, nam measg mearachd clò-bhualaidh anns an litir mu dheireadh aige; gu bheil e an aghaidh a bhith a' cur a-mach dubhain le bhith gan cur os cionn do cheann; an taisbeanadh aige mu dheidhinn cur a-mach dubhain air Abhainn Thames; agus na buannachdan aig an 'Vibration Rod' aige.