Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir bho Alasdair Grannd gu J. B. Dunning, 7 An Giblean 1893, duilleag 1
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_PATENT_003_001
DEIT
1893
LINN
1890an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
6929
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan-iasgaich
Letter from Alexander Grant to J. B. Dunning, 7 Apr 1893, page 1

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942), is 's e sin an t-adhbhar gun d' fhuair e am far-ainm - 'Battan'. Nuair a bha e na bhalach chuir e eòlas air dà rud a bha gu bhith air leth cudromach na bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith air leth math air gach rud; mar iasgair nuair a chruthaich e an slat-iasgaich iongantach aige fhèin ris an canar an 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear le bhith a' stiùireadh Comann Srath Spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd airson faisg air dà fhichead bliadhna agus thànaig e gu bhith na eòlaiche air dòighean cruthachaidh fhìdhlean. A thuilleadh air an sin chruthaich e fidheall sònraichte ann an cruth diosg ris an canar an 'Rondello'. Chithear eisimpleir den t-slat-iasgaich, an fhidheall agus an Rondello aig a' Ghranndach aig Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis (IMAG).

Tha an litir seo (dreach?), leis a' cheann-latha 7 An Giblean 1893 bhon a' Ghranndach gu Mgr J. B. Dunning. Innte, tha an Granndach ag innse dha Mgr Dunning gu bheil an t-slat-iasgaich a dh'òrdaich e o chionn ghoirid deis, ach a-mhàin 'rings and fittings' (rud a bha an Granndach dìreach air a chruthachadh agus a bha a' feathamh airson clàradh peutant). Aon uair is gun tig na pàirtean bhon luchd-ciùird ann am Birmingham, cuiridh an Granndach an t-slat air falbh anns a' bhad. A thuilleadh air an sin, tha an Granndach ag innse dha mu dheidhinn litir a bh' aige anns an iris mu dheireadh de 'Land and Water', leis an tiotal, 'Fly Rods for Trout Fishing'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir bho Alasdair Grannd gu J. B. Dunning, 7 An Giblean 1893, duilleag 1

1890an

fìdhlearan; fìdhlean; slatan-iasgaich

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant (hand written material)

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942), is 's e sin an t-adhbhar gun d' fhuair e am far-ainm - 'Battan'. Nuair a bha e na bhalach chuir e eòlas air dà rud a bha gu bhith air leth cudromach na bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith air leth math air gach rud; mar iasgair nuair a chruthaich e an slat-iasgaich iongantach aige fhèin ris an canar an 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear le bhith a' stiùireadh Comann Srath Spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd airson faisg air dà fhichead bliadhna agus thànaig e gu bhith na eòlaiche air dòighean cruthachaidh fhìdhlean. A thuilleadh air an sin chruthaich e fidheall sònraichte ann an cruth diosg ris an canar an 'Rondello'. Chithear eisimpleir den t-slat-iasgaich, an fhidheall agus an Rondello aig a' Ghranndach aig Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis (IMAG).<br /> <br /> Tha an litir seo (dreach?), leis a' cheann-latha 7 An Giblean 1893 bhon a' Ghranndach gu Mgr J. B. Dunning. Innte, tha an Granndach ag innse dha Mgr Dunning gu bheil an t-slat-iasgaich a dh'òrdaich e o chionn ghoirid deis, ach a-mhàin 'rings and fittings' (rud a bha an Granndach dìreach air a chruthachadh agus a bha a' feathamh airson clàradh peutant). Aon uair is gun tig na pàirtean bhon luchd-ciùird ann am Birmingham, cuiridh an Granndach an t-slat air falbh anns a' bhad. A thuilleadh air an sin, tha an Granndach ag innse dha mu dheidhinn litir a bh' aige anns an iris mu dheireadh de 'Land and Water', leis an tiotal, 'Fly Rods for Trout Fishing'