Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Meòmhrachan bho Chas. Playfair & Co. gu Alasdair Grannd, 1904 (toiseach)
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_PATENT_005_001
DEIT
1904
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
6933
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan-iasgaich
Memo from Chas. Playfair & Co. to Alexander Grant, 1904 (front)

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942), is 's e sin an t-adhbhar gun d' fhuair e am far-ainm - 'Battan'. Nuair a bha e na bhalach chuir e eòlas air dà rud a bha gu bhith air leth cudromach na bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith air leth math air gach rud; mar iasgair nuair a chruthaich e an slat-iasgaich iongantach aige fhèin ris an canar an 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear le bhith a' stiùireadh Comann Srath Spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd airson faisg air dà fhichead bliadhna agus thànaig e gu bhith na eòlaiche air dòighean cruthachaidh fhìdhlean. A thuilleadh air an sin chruthaich e fidheall sònraichte ann an cruth diosg ris an canar an 'Rondello'. Chithear eisimpleir den t-slat-iasgaich, an fhidheall agus an Rondello aig a' Ghranndach aig Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis (IMAG).

Tràth anns an fhicheadamh linn, reic an Granndach còirichean peutant na 'Vibration Rods' aige gu Charles Playfair & Co., luchd-ciùird uidheam iasgaich ann an Obar Dheathain. Tha am meòrachan seo leis a' cheann-latha 15 An Dàmhair 1904 bho John Roll of Playfairs. Anns a' mheòrachan, tha Mgr Roll a' toirt iomradh air trioblaid a bh' air a bhith aig Mgr Grannd le shùil o chionn ghoirid agus tha e ga bhrosnachadh gus tighinn a dh'Obar Dheathain gus dotair math fhaicinn. Tha an aon bheachd aig Mgr Teàrlach Playfair.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Meòmhrachan bho Chas. Playfair & Co. gu Alasdair Grannd, 1904 (toiseach)

1900an

fìdhlearan; fìdhlean; slatan-iasgaich

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant (hand written material)

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942), is 's e sin an t-adhbhar gun d' fhuair e am far-ainm - 'Battan'. Nuair a bha e na bhalach chuir e eòlas air dà rud a bha gu bhith air leth cudromach na bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith air leth math air gach rud; mar iasgair nuair a chruthaich e an slat-iasgaich iongantach aige fhèin ris an canar an 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear le bhith a' stiùireadh Comann Srath Spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd airson faisg air dà fhichead bliadhna agus thànaig e gu bhith na eòlaiche air dòighean cruthachaidh fhìdhlean. A thuilleadh air an sin chruthaich e fidheall sònraichte ann an cruth diosg ris an canar an 'Rondello'. Chithear eisimpleir den t-slat-iasgaich, an fhidheall agus an Rondello aig a' Ghranndach aig Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis (IMAG).<br /> <br /> Tràth anns an fhicheadamh linn, reic an Granndach còirichean peutant na 'Vibration Rods' aige gu Charles Playfair & Co., luchd-ciùird uidheam iasgaich ann an Obar Dheathain. Tha am meòrachan seo leis a' cheann-latha 15 An Dàmhair 1904 bho John Roll of Playfairs. Anns a' mheòrachan, tha Mgr Roll a' toirt iomradh air trioblaid a bh' air a bhith aig Mgr Grannd le shùil o chionn ghoirid agus tha e ga bhrosnachadh gus tighinn a dh'Obar Dheathain gus dotair math fhaicinn. Tha an aon bheachd aig Mgr Teàrlach Playfair.