Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir bho Alasdair Grannd, 3 An Gearran 1894, duilleag 2 & 3
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_PATENT_006_002
DEIT
1894
LINN
1890an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
6939
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan-iasgaich
Letter from Alexander Grant, 3 Feb 1894, pages 2 & 3

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942), is 's e sin an t-adhbhar gun d' fhuair e am far-ainm - 'Battan'. Nuair a bha e na bhalach chuir e eòlas air dà rud a bha gu bhith air leth cudromach na bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith air leth math air gach rud; mar iasgair nuair a chruthaich e an slat-iasgaich iongantach aige fhèin ris an canar an 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear le bhith a' stiùireadh Comann Srath Spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd airson faisg air dà fhichead bliadhna agus thànaig e gu bhith na eòlaiche air dòighean cruthachaidh fhìdhlean. A thuilleadh air an sin chruthaich e fidheall sònraichte ann an cruth diosg ris an canar an 'Rondello'. Chithear eisimpleir den t-slat-iasgaich, an fhidheall agus an Rondello aig a' Ghranndach aig Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis (IMAG).

Anns a' Chèitean 1887, ghluais an Granndach a ghnìomhachas, a' rèic uidheamachd agus slatan-iasgaich à Drochaid Chàrr gu Inbhir Nis. Bha e ann an Togalach Glenalbyn, Sràid Young, an toiseach ach ghluais e a-rithist gu togalach aig 7 Caolshràid Baran Mhic an Tàilleir, far an do sgrìobh e an litir (dreach?) seo air 3 An Gearran 1894. Chan eil fhios cò thuige a bha i ach is mathaid gur ann gu iasgair eile no neach-deasachaidh iris a bh' ann aig an àm oir tha an Granndach ag ràdh gum faod e an litir atharrachadh neo a cheartachadh mar a tha e a' faicinn iomchaidh. Tha a' chuid is motha den litir air a toirt suas le beachdan a' Ghranndaich air farpaisean iasgach a' mhaghair a tha na bheachdsan 'unsatisfactory to practical fishers'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir bho Alasdair Grannd, 3 An Gearran 1894, duilleag 2 & 3

1890an

fìdhlearan; fìdhlean; slatan-iasgaich

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant (hand written material)

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942), is 's e sin an t-adhbhar gun d' fhuair e am far-ainm - 'Battan'. Nuair a bha e na bhalach chuir e eòlas air dà rud a bha gu bhith air leth cudromach na bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith air leth math air gach rud; mar iasgair nuair a chruthaich e an slat-iasgaich iongantach aige fhèin ris an canar an 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear le bhith a' stiùireadh Comann Srath Spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd airson faisg air dà fhichead bliadhna agus thànaig e gu bhith na eòlaiche air dòighean cruthachaidh fhìdhlean. A thuilleadh air an sin chruthaich e fidheall sònraichte ann an cruth diosg ris an canar an 'Rondello'. Chithear eisimpleir den t-slat-iasgaich, an fhidheall agus an Rondello aig a' Ghranndach aig Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis (IMAG).<br /> <br /> Anns a' Chèitean 1887, ghluais an Granndach a ghnìomhachas, a' rèic uidheamachd agus slatan-iasgaich à Drochaid Chàrr gu Inbhir Nis. Bha e ann an Togalach Glenalbyn, Sràid Young, an toiseach ach ghluais e a-rithist gu togalach aig 7 Caolshràid Baran Mhic an Tàilleir, far an do sgrìobh e an litir (dreach?) seo air 3 An Gearran 1894. Chan eil fhios cò thuige a bha i ach is mathaid gur ann gu iasgair eile no neach-deasachaidh iris a bh' ann aig an àm oir tha an Granndach ag ràdh gum faod e an litir atharrachadh neo a cheartachadh mar a tha e a' faicinn iomchaidh. Tha a' chuid is motha den litir air a toirt suas le beachdan a' Ghranndaich air farpaisean iasgach a' mhaghair a tha na bheachdsan 'unsatisfactory to practical fishers'