- TIOTAL
- Litir bho Alasdair Grannd, 3 An Gearran 1894, duilleag 5
- EXTERNAL ID
- Z_GB1796_GRANT_979_65_PATENT_007_001
- DEIT
- 1894
- LINN
- 1890an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 6942
- KEYWORDS
- fìdhlearan
fìdhlean
slatan-iasgaich

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942), is 's e sin an t-adhbhar gun d' fhuair e am far-ainm - 'Battan'. Nuair a bha e na bhalach chuir e eòlas air dà rud a bha gu bhith air leth cudromach na bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith air leth math air gach rud; mar iasgair nuair a chruthaich e an slat-iasgaich iongantach aige fhèin ris an canar an 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear le bhith a' stiùireadh Comann Srath Spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd airson faisg air dà fhichead bliadhna agus thànaig e gu bhith na eòlaiche air dòighean cruthachaidh fhìdhlean. A thuilleadh air an sin chruthaich e fidheall sònraichte ann an cruth diosg ris an canar an 'Rondello'. Chithear eisimpleir den t-slat-iasgaich, an fhidheall agus an Rondello aig a' Ghranndach aig Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis (IMAG).
Anns a' Chèitean 1887, ghluais an Granndach a ghnìomhachas, a' rèic uidheamachd agus slatan iasgaich à Drochaid Chàrr gu Inbhir Nis. Bha e ann an Togalach Glenalbyn, Sràid Young, an toiseach ach ghluais e a-rithist gu togalach aig 7 Caolshràid Baran Mhic an Tàilleir, far an do sgrìobh e an litir (dreach?) seo air 3 An Gearran 1894. Chan eil fhios cò thuige a bha i ach is mathaid gur ann gu iasgair eile no neach-deasachaidh iris a bh' ann aig an àm oir tha an Granndach ag ràdh gum faod e an litir atharrachadh neo a cheartachadh mar a tha e a' faicinn iomchaidh. Tha a' chuid is motha den litir air a toirt suas le beachdan a' Ghranndaich air farpaisean iasgach a' mhaghair a tha na bheachdsan 'unsatisfactory to practical fishers'