Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Grant's Vibration Rod' - Litir (gun ceann-latha), page 1
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_PATENT_008_001
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
6944
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan-iasgaich
'Grant's Vibration Rod' - Letter (no date), page 1

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942), is 's e sin an t-adhbhar gun d' fhuair e am far-ainm - 'Battan'. Nuair a bha e na bhalach chuir e eòlas air dà rud a bha gu bhith air leth cudromach na bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith air leth math air gach rud; mar iasgair nuair a chruthaich e an slat-iasgaich iongantach aige fhèin ris an canar an 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear le bhith a' stiùireadh Comann Srath Spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd airson faisg air dà fhichead bliadhna agus thànaig e gu bhith na eòlaiche air dòighean cruthachaidh fhìdhlean. A thuilleadh air an sin chruthaich e fidheall sònraichte ann an cruth diosg ris an canar an 'Rondello'. Chithear eisimpleir den t-slat-iasgaich, an fhidheall agus an Rondello aig a' Ghranndach aig Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis (IMAG).

Is mathaid gur e dreach a th'anns an litir seo, ach b' e an Granndach a sgrìobh i agus tha i mu na 'Vibration Rods' aige. Ged nach eil ceann-latha oirre, chaidh a sgrìobhadh an dèidh dha peutant a chur air an dreach ann an 1894. Chan eil fhios cò thuige a bha an litir a' dol ach tha an Granndach a' toirt iomradh air Mgr Corballis (bàillidh ann an Inbhir Nis agus ùghdar iasgach-slait) a th' air iarraidh air a' Ghranndach slat a chur gu neach-faighinn na litir. Air sgàth is gu bheil uimhir de dh'iarrtas ann airson an t-slat, chan urrainn dhan Ghranndach iarrtas Mgr Corballis a choilionadh; bidh e ag obair as aonais taic oir chan eil e airson innse mar a bhios e a' cruthachadh an t-slat.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Grant's Vibration Rod' - Litir (gun ceann-latha), page 1

fìdhlearan; fìdhlean; slatan-iasgaich

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant (hand written material)

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942), is 's e sin an t-adhbhar gun d' fhuair e am far-ainm - 'Battan'. Nuair a bha e na bhalach chuir e eòlas air dà rud a bha gu bhith air leth cudromach na bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith air leth math air gach rud; mar iasgair nuair a chruthaich e an slat-iasgaich iongantach aige fhèin ris an canar an 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear le bhith a' stiùireadh Comann Srath Spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd airson faisg air dà fhichead bliadhna agus thànaig e gu bhith na eòlaiche air dòighean cruthachaidh fhìdhlean. A thuilleadh air an sin chruthaich e fidheall sònraichte ann an cruth diosg ris an canar an 'Rondello'. Chithear eisimpleir den t-slat-iasgaich, an fhidheall agus an Rondello aig a' Ghranndach aig Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis (IMAG).<br /> <br /> Is mathaid gur e dreach a th'anns an litir seo, ach b' e an Granndach a sgrìobh i agus tha i mu na 'Vibration Rods' aige. Ged nach eil ceann-latha oirre, chaidh a sgrìobhadh an dèidh dha peutant a chur air an dreach ann an 1894. Chan eil fhios cò thuige a bha an litir a' dol ach tha an Granndach a' toirt iomradh air Mgr Corballis (bàillidh ann an Inbhir Nis agus ùghdar iasgach-slait) a th' air iarraidh air a' Ghranndach slat a chur gu neach-faighinn na litir. Air sgàth is gu bheil uimhir de dh'iarrtas ann airson an t-slat, chan urrainn dhan Ghranndach iarrtas Mgr Corballis a choilionadh; bidh e ag obair as aonais taic oir chan eil e airson innse mar a bhios e a' cruthachadh an t-slat.