Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Grant's Vibration Rod' - Cuidhteas Clàraidh Peutant, 1899
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_PATENT_011_001
DEIT
1899
LINN
1890an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
6952
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan-iasgaich
peutantan
Grant's Vibration Rod - Patent Registration Receipt, 1899

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942), is 's e sin an t-adhbhar gun d' fhuair e am far-ainm - 'Battan'. Nuair a bha e na bhalach chuir e eòlas air dà rud a bha gu bhith air leth cudromach na bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith air leth math air gach rud; mar iasgair nuair a chruthaich e an slat-iasgaich iongantach aige fhèin ris an canar an 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear le bhith a' stiùireadh Comann Srath Spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd airson faisg air dà fhichead bliadhna agus thànaig e gu bhith na eòlaiche air dòighean cruthachaidh fhìdhlean. A thuilleadh air an sin chruthaich e fidheall sònraichte ann an cruth diosg ris an canar an 'Rondello'. Chithear eisimpleir den t-slat-iasgaich, an fhidheall agus an Rondello aig a' Ghranndach aig Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis (IMAG).

Chuir an Granndach peutant air an 'Vibration Rod' aige ann an 1894. Tha an litir seo chun a' Ghranndaich, leis a' cheann-latha 23 An Cèitean 1899, bho Messrs Johnsons, 115 Sràid Naomh Vincent, Glaschu (Offices for Patents and the Registration of Designs and Trade Marks). Tha an litir a' dearbhadh gun d' fhuairear seic bhon Ghranndach airson £7 1s 0d, pàigheadh airson cìsean agus cosgaisean na buidhne airson ùrachadh a' pheutant

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Grant's Vibration Rod' - Cuidhteas Clàraidh Peutant, 1899

1890an

fìdhlearan; fìdhlean; slatan-iasgaich; peutantan

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant (hand written material)

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942), is 's e sin an t-adhbhar gun d' fhuair e am far-ainm - 'Battan'. Nuair a bha e na bhalach chuir e eòlas air dà rud a bha gu bhith air leth cudromach na bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith air leth math air gach rud; mar iasgair nuair a chruthaich e an slat-iasgaich iongantach aige fhèin ris an canar an 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear le bhith a' stiùireadh Comann Srath Spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd airson faisg air dà fhichead bliadhna agus thànaig e gu bhith na eòlaiche air dòighean cruthachaidh fhìdhlean. A thuilleadh air an sin chruthaich e fidheall sònraichte ann an cruth diosg ris an canar an 'Rondello'. Chithear eisimpleir den t-slat-iasgaich, an fhidheall agus an Rondello aig a' Ghranndach aig Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis (IMAG).<br /> <br /> Chuir an Granndach peutant air an 'Vibration Rod' aige ann an 1894. Tha an litir seo chun a' Ghranndaich, leis a' cheann-latha 23 An Cèitean 1899, bho Messrs Johnsons, 115 Sràid Naomh Vincent, Glaschu (Offices for Patents and the Registration of Designs and Trade Marks). Tha an litir a' dearbhadh gun d' fhuairear seic bhon Ghranndach airson £7 1s 0d, pàigheadh airson cìsean agus cosgaisean na buidhne airson ùrachadh a' pheutant