- TIOTAL
- Meòmhrachan gu Grannd bho Charles Playfair & Co., 1905, (toiseach)
- EXTERNAL ID
- Z_GB1796_GRANT_979_65_PATENT_014_001
- DEIT
- 1905
- LINN
- 1900an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 6958
- KEYWORDS
- fìdhlearan
fìdhlean
slatan-iasgaich

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942), is 's e sin an t-adhbhar gun d' fhuair e am far-ainm - 'Battan'. Nuair a bha e na bhalach chuir e eòlas air dà rud a bha gu bhith air leth cudromach na bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith air leth math air gach rud; mar iasgair nuair a chruthaich e an slat-iasgaich iongantach aige fhèin ris an canar an 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear le bhith a' stiùireadh Comann Srath Spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd airson faisg air dà fhichead bliadhna agus thànaig e gu bhith na eòlaiche air dòighean cruthachaidh fhìdhlean. A thuilleadh air an sin chruthaich e fidheall sònraichte ann an cruth diosg ris an canar an 'Rondello'. Chithear eisimpleir den t-slat-iasgaich, an fhidheall agus an Rondello aig a' Ghranndach aig Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis (IMAG).
Chuir an Granndach peutant air an 'Vibration Rod' aige ann an 1894. Tràth anns an fhicheadamh linn , rèic an Granndach còirichean peutant na 'Vibration Rods' aige gu Charles Playfair & Co., luchd-ciùird uidheam iasgaich ann an Obar Dheathain. Tha am meòrachan seo chun a' Ghranndaich, leis a' cheann-latha 27 An Gearran 1905 bho Theàrlach Playfair. Thànaig am meòrachan còmhla ri baidse shlatan. Thuirt Playfair na leanas mun deidhinn - 'not a very good job' ach 'will smooth down in use'. Bha na slatan a' cosg sia tastan deug às aonais sgeadachadh agus tha Playfair ag ràdh ris a' Ghranndach, 'charge what you like'. Air cùl a' mheòrachain tha Mgr Playfair a' toirt iomradh air Mgr Newlands