Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Duilleag Cunntais nan Granndach le Suaicheantas na Companaidh, Oifis Puist Baile na Faire (toiseach)
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_PATENT_016_002
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
6975
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan-iasgaich
Grant's Headed Accounts Sheet, Ballifeary Post Office (front)

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942), is 's e sin an t-adhbhar gun d' fhuair e am far-ainm - 'Battan'. Nuair a bha e na bhalach chuir e eòlas air dà rud a bha gu bhith air leth cudromach na bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith air leth math air gach rud; mar iasgair nuair a chruthaich e an slat-iasgaich iongantach aige fhèin ris an canar an 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear le bhith a' stiùireadh Comann Srath Spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd airson faisg air dà fhichead bliadhna agus thànaig e gu bhith na eòlaiche air dòighean cruthachaidh fhìdhlean. A thuilleadh air an sin chruthaich e fidheall sònraichte ann an cruth diosg ris an canar an 'Rondello'. Chithear eisimpleir den t-slat-iasgaich, an fhidheall agus an Rondello aig a' Ghranndach aig Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis (IMAG).

Bha iomadach obair aig a' Ghranndach. Bha e ag obair mar chìobair, treabhaiche, ceannaiche-aodaich, coilltear, grosair, bùidsear, geamair, iasgair, gruagaire agus ceannaiche uidheam iasgaich aig diofar amannan. Tha an duilleag cunntais seo (cùlaibh) le Suaicheantas na Companaidh airson grosaireachd agus oifis a' phuist aige ann am Baile na Faire, Inbhir Nis. Chleachd an Granndach an duilleag airson dreach litir gus ceist o iasgair eile a fhreagairt

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Duilleag Cunntais nan Granndach le Suaicheantas na Companaidh, Oifis Puist Baile na Faire (toiseach)

fìdhlearan; fìdhlean; slatan-iasgaich

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant (hand written material)

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942), is 's e sin an t-adhbhar gun d' fhuair e am far-ainm - 'Battan'. Nuair a bha e na bhalach chuir e eòlas air dà rud a bha gu bhith air leth cudromach na bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith air leth math air gach rud; mar iasgair nuair a chruthaich e an slat-iasgaich iongantach aige fhèin ris an canar an 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear le bhith a' stiùireadh Comann Srath Spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd airson faisg air dà fhichead bliadhna agus thànaig e gu bhith na eòlaiche air dòighean cruthachaidh fhìdhlean. A thuilleadh air an sin chruthaich e fidheall sònraichte ann an cruth diosg ris an canar an 'Rondello'. Chithear eisimpleir den t-slat-iasgaich, an fhidheall agus an Rondello aig a' Ghranndach aig Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis (IMAG).<br /> <br /> Bha iomadach obair aig a' Ghranndach. Bha e ag obair mar chìobair, treabhaiche, ceannaiche-aodaich, coilltear, grosair, bùidsear, geamair, iasgair, gruagaire agus ceannaiche uidheam iasgaich aig diofar amannan. Tha an duilleag cunntais seo (cùlaibh) le Suaicheantas na Companaidh airson grosaireachd agus oifis a' phuist aige ann am Baile na Faire, Inbhir Nis. Chleachd an Granndach an duilleag airson dreach litir gus ceist o iasgair eile a fhreagairt