- TIOTAL
- Prògram Cuirm-chiùil Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach 1913, duilleag 2
- EXTERNAL ID
- Z_GB1796_GRANT_979_65_PRINTEDLEAFLETS_005_002
- DEIT
- 1913
- LINN
- 1910an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
- AITHNEACHADH MAOINE
- 7010
- KEYWORDS
- srathan-spè
ruidhlichean
cuirmean ciùil
prògraman

Is e seo an dàrna duilleag de phrògram cuirm-chiùil Comann Srathspè agus Ruidhle Gàidhealach. Chaidh a' chuirm-chiùil a chumail ann an Talla nan Clachair ann an Inbhir Pheofharain air an 7mh Lùnastal 1913. B' e an Còirneal Ridire Eachann Rothach Fhòghlais, Baran, A.D.C., Morair Leifteanant Siorrachd Rois a bha sa chathair an oidhche sin. B' e Mgr. Dòmhnall Mac a' Mhuilleir a bha a' stiùireadh a' chòmhlain ciùil agus b' e Mgr. Alasdair Grannd ceannard a' chòmhlain.
Tha Comainn Srathspè agus Ruidhle air a bhith gu coitcheann ann an saoghal a' chiùil thraidiseanta ann an Alba bho chaidh a' chiad chomann a chur air bhonn ann an Dùn Èideann ann an 1881. Chaidh a' mheur Ghàidhealach a cur air bhonn ann an 1903. Bha Alasdair Grannd (aithnichte cuideachd air an ainm 'Battan'), aon de na buill-stèidhidh, na cheannard air a' chomann airson faisg air dà fhichead bliadhna, suas gu àm a bhàis ann an 1942