Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Prògram Cuirm-chiùil Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach 1913, duilleag 3
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_PRINTEDLEAFLETS_005_003
DEIT
1913
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
7011
KEYWORDS
srathan-spè
ruidhlichean
cuirmean ciùil
prògraman
Highland Strathspey & Reel Society Concert Programme, 1913, page 3

Is e seo an treas duilleag de phrògram cuirm-chiùil Comann Srathspè agus Ruidhle Gàidhealach. Chaidh a' chuirm-chiùil a chumail ann an Talla nan Clachair ann an Inbhir Pheofharain air an 7mh Lùnastal 1913. B' e an Còirneal Ridire Eachann Rothach Fhòghlais, Baran, A.D.C., Morair Leifteanant Siorrachd Rois a bha sa chathair an oidhche sin. B' e Mgr. Dòmhnall Mac a' Mhuilleir a bha a' stiùireadh a' chòmhlain ciùil agus b' e Mgr. Alasdair Grannd ceannard a' chòmhlain.

Tha Comainn Srathspè agus Ruidhle air a bhith gu coitcheann ann an saoghal a' chiùil thraidiseanta ann an Alba bho chaidh a' chiad chomann a chur air bhonn ann an Dùn Èideann ann an 1881. Chaidh a' mheur Ghàidhealach a cur air bhonn ann an 1903. Bha Alasdair Grannd (aithnichte cuideachd air an ainm 'Battan'), aon de na buill-stèidhidh, na cheannard air a' chomann airson faisg air dà fhichead bliadhna, suas gu àm a bhàis ann an 1942

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Prògram Cuirm-chiùil Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach 1913, duilleag 3

1910an

srathan-spè; ruidhlichean; cuirmean ciùil; prògraman

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Alexander Grant - Highland Strathspey & Reel Society, assorted papers

Is e seo an treas duilleag de phrògram cuirm-chiùil Comann Srathspè agus Ruidhle Gàidhealach. Chaidh a' chuirm-chiùil a chumail ann an Talla nan Clachair ann an Inbhir Pheofharain air an 7mh Lùnastal 1913. B' e an Còirneal Ridire Eachann Rothach Fhòghlais, Baran, A.D.C., Morair Leifteanant Siorrachd Rois a bha sa chathair an oidhche sin. B' e Mgr. Dòmhnall Mac a' Mhuilleir a bha a' stiùireadh a' chòmhlain ciùil agus b' e Mgr. Alasdair Grannd ceannard a' chòmhlain.<br /> <br /> Tha Comainn Srathspè agus Ruidhle air a bhith gu coitcheann ann an saoghal a' chiùil thraidiseanta ann an Alba bho chaidh a' chiad chomann a chur air bhonn ann an Dùn Èideann ann an 1881. Chaidh a' mheur Ghàidhealach a cur air bhonn ann an 1903. Bha Alasdair Grannd (aithnichte cuideachd air an ainm 'Battan'), aon de na buill-stèidhidh, na cheannard air a' chomann airson faisg air dà fhichead bliadhna, suas gu àm a bhàis ann an 1942