- TIOTAL
- Teachdaireachd Comann Srathspè & Ruidhle na Gàidhealtachd, 8 Samhain 1927
- EXTERNAL ID
- Z_GB1796_GRANT_979_65_PRINTEDLEAFLETS_007_23_054
- DEIT
- 1927
- LINN
- 1920an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
- AITHNEACHADH MAOINE
- 7024
- KEYWORDS
- fìdhlearachd
fìdhlearan

Anns an Dàmhair 1927, fhuair Comann Srathspè & Ruidhle na Gàidhealtachd tabhartas de £10 airson farpais srathspè agus ruidhle. Bha suidheachaidhean àraid às leth na farpais air an sònrachadh leis an tabhartaiche a bha an comann a' faireachdainn nach robh comas aca a choileanadh. Tha an teachdaireachd seo sa phàipear naidheachd (leis a' cheann-là 8mh Samhain 1927), bho rùnaire a' chomainn, Iain Friseal, ag iarraidh air an tabhartaiche bruidhinn ris a' chomann gus barrachd deasbaid a dhèanamh air a' chùis.
Tha Comainn Srathspè agus Ruidhle air a bhith gu coitcheann ann an saoghal a' chiùil traidiseanta ann an Alba bho chaidh a' chiad chomann a chur air bhonn ann an Dùn Èideann ann an 1881. Chaidh a' mheur Ghàidhealach a cur air bhonn ann an 1903. Bha Alasdair Grannd (aithnichte cuideachd air an ainm 'Battan'), aon de na buill-stèidhidh, na cheannard air a' chomann airson faisg air dà fhichead bliadhna, suas gu àm a bhàis ann an 1942