Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cairt-phuist gun Ghranndach bho Skinner, 31 Iuchar 1893, taobh 2
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_SKINNER_001_002
DEIT
1893
LINN
1890an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
7029
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan iasgaich
cairtean puist
luchd-ciùil
luchd-sgrìobhaidh ciùil
Manson Scott Skinner
srathan spè
Postcard to Grant from Skinner, 31 July 1893, side 2

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall sònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.

Bha an Granndach na charaid mòr dhan neach-ciùil eile, Seumas Scott Skinner (1843-1927), a bha na phrìomh mheadhan air leasachadh ciùil Albannach traidiseanta agus bhathar gu tric ga ainmeachadh mar 'Rìgh an t-Srathspè'. Chuir Skinner a' chairt-phuist seo (leis a' cheann-là Cala na Cloiche 31 Iuchar 1893) gun Ghranndach aig a' bhùth uidheam iasgaireachd aige aig 7 Caolshràid a' Bharain Mac an Tàilleir, Inbhir Nis. Tha e a' còmhdach chuspairean mar comas dannsa Manson, mac Skinner, agus dìth slàinte Phàdraig Milne, 'Tarland Minstrel', a' chiad fhear-comhairle a bha aig Skinner

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cairt-phuist gun Ghranndach bho Skinner, 31 Iuchar 1893, taobh 2

1890an

fìdhlearan; fìdhlean; slatan iasgaich; cairtean puist; luchd-ciùil; luchd-sgrìobhaidh ciùil; Manson Scott Skinner; srathan spè

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant - letters from J Scott Skinner

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall sònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.<br /> <br /> Bha an Granndach na charaid mòr dhan neach-ciùil eile, Seumas Scott Skinner (1843-1927), a bha na phrìomh mheadhan air leasachadh ciùil Albannach traidiseanta agus bhathar gu tric ga ainmeachadh mar 'Rìgh an t-Srathspè'. Chuir Skinner a' chairt-phuist seo (leis a' cheann-là Cala na Cloiche 31 Iuchar 1893) gun Ghranndach aig a' bhùth uidheam iasgaireachd aige aig 7 Caolshràid a' Bharain Mac an Tàilleir, Inbhir Nis. Tha e a' còmhdach chuspairean mar comas dannsa Manson, mac Skinner, agus dìth slàinte Phàdraig Milne, 'Tarland Minstrel', a' chiad fhear-comhairle a bha aig Skinner