Ùrachadh mu Dheireadh 27/04/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cairt-phuist gun Ghranndach bho Skinner, 27 Faoilleach 1915, taobh 1
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_SKINNER_007_001
DEIT
1915
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
7047
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan iasgaich
cairtean puist
luchd-ciùil
luchd-sgrìobhaidh ciùil
srathan spè
Postcard to Grant from Skinner, 27 Jan 1915, side 1

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall sònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.

Bha an Granndach na charaid mòr dhan neach-ciùil eile, Seumas Scott Skinner (1843-1927), a bha na phrìomh mheadhan air leasachadh ciùil Albannach traidiseanta agus bhathar gu tric ga ainmeachadh mar 'Rìgh an t-Srathspè'. Chuir Skinner a' chairt-phuist seo bho Thaigh-òsta Darling, 20 Ionad Bhatairliù, Dùn Èideann, air 27 Faoilleach 1915 gun Ghranndach aig Tuathanas Tom na h-Iùbhraich, Rathad Bhaile na Faire, Inbhir Nis. Tha Skinner ag iarraidh air a' Ghranndach 'coimhead a-mach' airson 'Farewell Tour' Scott Skinner

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cairt-phuist gun Ghranndach bho Skinner, 27 Faoilleach 1915, taobh 1

1910an

fìdhlearan; fìdhlean; slatan iasgaich; cairtean puist; luchd-ciùil; luchd-sgrìobhaidh ciùil; srathan spè

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant - letters from J Scott Skinner

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall sònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.<br /> <br /> Bha an Granndach na charaid mòr dhan neach-ciùil eile, Seumas Scott Skinner (1843-1927), a bha na phrìomh mheadhan air leasachadh ciùil Albannach traidiseanta agus bhathar gu tric ga ainmeachadh mar 'Rìgh an t-Srathspè'. Chuir Skinner a' chairt-phuist seo bho Thaigh-òsta Darling, 20 Ionad Bhatairliù, Dùn Èideann, air 27 Faoilleach 1915 gun Ghranndach aig Tuathanas Tom na h-Iùbhraich, Rathad Bhaile na Faire, Inbhir Nis. Tha Skinner ag iarraidh air a' Ghranndach 'coimhead a-mach' airson 'Farewell Tour' Scott Skinner