Ùrachadh mu Dheireadh 30/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cairt-phuist gun Ghranndach bho Skinner, 1 Gearran 1915, taobh 2
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_SKINNER_016_002
DEIT
1915
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
7076
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan iasgaich
cairtean puist
A' Chiad Chogadh Mòr
An Cogadh Mòr
luchd-ciùil
luchd-sgrìobhaidh ciùil
srathan spè
Postcard to Grant from Skinner, 1 Feb 1915, side 2

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall sònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.

Bha an Granndach na charaid mòr dhan neach-ciùil eile, Seumas Scott Skinner (1843-1927), a bha na phrìomh mheadhan air leasachadh ciùil Albannach traidiseanta agus bhathar gu tric ga ainmeachadh mar 'Rìgh an t-Srathspè'. Chuir Skinner a' chairt-phuist seo bho Thaigh-òsta Darling ann an Dùn Èideann air 1 Gearran 1915 gu 'Batan treun' aig Tuathanas Tom na h-Iùbhraich, Inbhir Nis. Sa chairt, tha Skinner a' toirt iomradh air gu bheil a' chuid as motha de thallachan (dha cuirmean ciùil) air an toirt thairis le saighdearan

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cairt-phuist gun Ghranndach bho Skinner, 1 Gearran 1915, taobh 2

1910an

fìdhlearan; fìdhlean; slatan iasgaich; cairtean puist; A' Chiad Chogadh Mòr; An Cogadh Mòr; luchd-ciùil; luchd-sgrìobhaidh ciùil; srathan spè

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant - letters from J Scott Skinner

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall sònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.<br /> <br /> Bha an Granndach na charaid mòr dhan neach-ciùil eile, Seumas Scott Skinner (1843-1927), a bha na phrìomh mheadhan air leasachadh ciùil Albannach traidiseanta agus bhathar gu tric ga ainmeachadh mar 'Rìgh an t-Srathspè'. Chuir Skinner a' chairt-phuist seo bho Thaigh-òsta Darling ann an Dùn Èideann air 1 Gearran 1915 gu 'Batan treun' aig Tuathanas Tom na h-Iùbhraich, Inbhir Nis. Sa chairt, tha Skinner a' toirt iomradh air gu bheil a' chuid as motha de thallachan (dha cuirmean ciùil) air an toirt thairis le saighdearan