Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cèis air a seòladh gu Alasdair Grannd, An Gearran 1929, an aghaidh
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_SKINNER_027_001
DEIT
1929
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
7097
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan iasgaich
cèisean
Envelope addressed to Alexander Grant, Feb 1929, front

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall sònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.

Tha a' chèis seo (leis a' cheann-là 15 Gearran 1929) air a seòladh gun Ghranndach aig Tuathanas Tom na h-Iùbhraich, Inbhir Nis. Tha an nota gun taobh chlì den t-seòladh ag ràdh, 'Tabhartaiche £10 airson Srathan spè agus Ruidhlichean. Gu Anndra Macan Tòisich'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cèis air a seòladh gu Alasdair Grannd, An Gearran 1929, an aghaidh

1920an

fìdhlearan; fìdhlean; slatan iasgaich; cèisean

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant - letters from J Scott Skinner

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall sònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.<br /> <br /> Tha a' chèis seo (leis a' cheann-là 15 Gearran 1929) air a seòladh gun Ghranndach aig Tuathanas Tom na h-Iùbhraich, Inbhir Nis. Tha an nota gun taobh chlì den t-seòladh ag ràdh, 'Tabhartaiche £10 airson Srathan spè agus Ruidhlichean. Gu Anndra Macan Tòisich'