Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tha Uachdaran an Eilein Sgitheanaich ag Ullachadh a Luchd-màil airson Eilthireachd
EXTERNAL ID
AB_HIGHLANDERS_ON_THE_MOVE_13
ÀITE
Sgeabost
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Snìothasort
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Alexander Smith
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
71
KEYWORDS
Skeabost Landlord Audio
claistinneach
eilthireachd

Get Adobe Flash player

Chaidh an t-earrrann seo bho 'A Summer in Skye' le Alasdair Mac a' Ghobhainn a chlò-bualadh ann an 1865. Tha e ag innse mar a bha uachdaran a' dèiligeadh ri na daoine a bha a' fuireach air an talamh aige 's iad a' dèanamh deiseil airson eilthireachd a Chanada. Tha an earrann seo air a leughadh le Tormod MacArtair.

'Nuair a ràinig sinn Sgèabost bha na h-eilthirich an siud, 's dòcha leth-cheud no trì fichead dhiubh, nan suidhe air an fheur rèidh. Bha iad air an còmhdach mar gum biodh iad a' dol dhan eaglais Latha na Sàbaid. Bha deiseachan de chlò bog liath no glas air na fireannaich, agus bha na boireannaich paisgte, a' chuid as motha dhiubh, ann am plaideachan de bhreacan. 'S e daoine dòigheil, sgiobalta, ciallach a bh' annta agus bha coltas air an aodainn gun robh iad air gabhail ris an t-suidheachadh, mar gum biodh iad air beachdachadh air a' chùis agus gun do chuir iad romhpa dhol air adhart leis.

Dh'èirich iad uile agus nochd iad urram gu modhail dhan Mhorair nuair a chaidh sinn seachad sa charbad don taigh ... duine mu seach thàinig na daoine on rèidhlean a-nall gu poirdse an taighe agus leig iad fios dè bha dhìth orra - bha aon fhear ann nach robh air airgead gu leòr a chruinneachadh airson a thurais agus bha feum aige air airgead ro làimh; bha tè ann a bha ag iarraidh dà phlaide; bha bodach ann a bha ag iarraidh gun ceannaicheadh am Morair a' bhò bhuaithe, beathach a bha an impis laogh a bhreith agus a ghealladh e a bhiodh na deagh bhò bhainne.

Rinn am Morair còmhradh ri gach duine aca, uaireannan sa Ghàidhlig ach na bu trice ann am Beurla. ...Nuair a bha gach eilthireach air a sgeulachd innse agus air tighinn gu rèiteachadh leis a' Mhorair, chaidh an cùmhnant a sgrìobhadh mu choinneamh ainm no a h-ainm san leabhar-chlàr mhòr. Thòisich àm na h-èisteachd mu thràth-nòin agus cha do sguir e gu anmoch san fheasgar. Bha an uair sin a h-uile h-eilthireach air a bhith air fhaicinn, air còmhradh ris agus air an leigeil seachad. Bha an t-slighe a Chanada a-nis air a dhèanamh rèidh do gach duine aca agus bha gach cùmhnant air a sgrìobhadh sìos ... agus mar a theich gach duine, chaidh innse dhaibh a bhith deiseil air a' 15mh den ath mhìos, oir 's ann air an latha sin a bhiodh iad a' fàgail.'

Chaidh an earrann chlaistinn seo a dhèanamh airson pac stòrais nan sgoiltean, 'Gàidheil air Imrich,' a rinn Am Baile airson Tilleadh Dhachaigh 2009.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tha Uachdaran an Eilein Sgitheanaich ag Ullachadh a Luchd-màil airson Eilthireachd

INBHIR NIS: Snìothasort

2000an

Skeabost Landlord Audio; claistinneach; eilthireachd;

Am Baile

Am Baile: Highlanders on the Move