Ùrachadh mu Dheireadh 18/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir gu Grannd bho Skinner (gun cheann-latha), duilleag 9
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_SKINNER_028_009
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
7113
KEYWORDS
fìdhleirean
fìdhlean
slatan-iasgaich
litrichean
luchd-ciùil
sgrìobhadairean-ciùil
puirt Srath-Spè
Letter to Grant from Skinner (no date), page 9

Bhuineadh Alasdair Grannd (1856-1942) don Bhadan Ghorm ann an Dhrochaid Chàrr, agus 's ann às a sin a thàinig am far-ainm aige - 'Battan'. Na bhalach chuir e eòlas air dà rud anns am biodh sàr ùidh aige - fìdhlearachd agus iasgach. Ràinig e an ìre a b' àirde anns an dà raon; na iasgair a' cruthachadh slat-iasgaich dha fhèin dham b' ainm 'Grant Vibration Rod', agus na fhìdhlear a bha na cheannard a' chuid bu mhotha de dhà fhichead bliadhna air Comann Ruidhle agus Strath-Spè na Gàidhealtachd, agus na shàr-eòlaiche air dòighean fìdhlean a dhèanamh. Rinn e cuideachd fidheall annasach chruinn dham b' ainm an 'Rondello'. Tha eisimpleir dhen t-slat-iasgaich, fidheall agus 'Rondello' aig Grannd ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.

Bha Grannd na dheagh charaid dhan neach-ciùil agus sgrìobhadair-ciùil Seumas Scott Skinner (1843-1927), am fear ris an cante gu tric 'Righ an t-Srath-Spè', agus a bha fìor chudromach ann a bhith a' leasachadh ceòl tradaiseanta na h-Alba. Tha an litir seo o Skinner gu Grannd gun cheann-latha, ach sgrìobhte air pàipear air a bheil ainm Taigh-Òsta nan Dùbhghlasach ann an Obar Dheathain. Tha Skinner a' toirt tarraing air iomadh cuspair, suidheachadh na dachaigh aige aig an àm nam measg; na mnathan-pòsta a bha aige roimhe (Sìne Stiùbhart agus May Park Skinner); a' bhean-taighe aige, Lily (Richards); cruinneachadh phort dham b' ainm 'Aberdeen Collection' a bhiodh air a chlò-bhualadh a dh'aithghearr, agus an rian a chuir e air 'The Garden of Roses', port aodhaireil gaisgeil

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir gu Grannd bho Skinner (gun cheann-latha), duilleag 9

fìdhleirean; fìdhlean; slatan-iasgaich; litrichean; luchd-ciùil; sgrìobhadairean-ciùil; puirt Srath-Spè

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant - letters from J Scott Skinner

Bhuineadh Alasdair Grannd (1856-1942) don Bhadan Ghorm ann an Dhrochaid Chàrr, agus 's ann às a sin a thàinig am far-ainm aige - 'Battan'. Na bhalach chuir e eòlas air dà rud anns am biodh sàr ùidh aige - fìdhlearachd agus iasgach. Ràinig e an ìre a b' àirde anns an dà raon; na iasgair a' cruthachadh slat-iasgaich dha fhèin dham b' ainm 'Grant Vibration Rod', agus na fhìdhlear a bha na cheannard a' chuid bu mhotha de dhà fhichead bliadhna air Comann Ruidhle agus Strath-Spè na Gàidhealtachd, agus na shàr-eòlaiche air dòighean fìdhlean a dhèanamh. Rinn e cuideachd fidheall annasach chruinn dham b' ainm an 'Rondello'. Tha eisimpleir dhen t-slat-iasgaich, fidheall agus 'Rondello' aig Grannd ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.<br /> <br /> Bha Grannd na dheagh charaid dhan neach-ciùil agus sgrìobhadair-ciùil Seumas Scott Skinner (1843-1927), am fear ris an cante gu tric 'Righ an t-Srath-Spè', agus a bha fìor chudromach ann a bhith a' leasachadh ceòl tradaiseanta na h-Alba. Tha an litir seo o Skinner gu Grannd gun cheann-latha, ach sgrìobhte air pàipear air a bheil ainm Taigh-Òsta nan Dùbhghlasach ann an Obar Dheathain. Tha Skinner a' toirt tarraing air iomadh cuspair, suidheachadh na dachaigh aige aig an àm nam measg; na mnathan-pòsta a bha aige roimhe (Sìne Stiùbhart agus May Park Skinner); a' bhean-taighe aige, Lily (Richards); cruinneachadh phort dham b' ainm 'Aberdeen Collection' a bhiodh air a chlò-bhualadh a dh'aithghearr, agus an rian a chuir e air 'The Garden of Roses', port aodhaireil gaisgeil