- TIOTAL
- Litir o Skinner gu Grannd (gun cheann-latha), duilleag 1
- EXTERNAL ID
- Z_GB1796_GRANT_979_65_SKINNER_032_005
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 7140
- KEYWORDS
- fìdhleirean
fìdhlean
slatan-iasgaich
litrichean
luchd-ciùil
sgrìobhadairean-ciùil
puirt Srath-Spè
,.jpg)
Bhuineadh Alasdair Grannd (1856-1942) don Bhadan Ghorm ann an Dhrochaid Chàrr, agus 's ann às a sin a thàinig am far-ainm aige - 'Battan'. Na bhalach chuir e eòlas air dà rud anns am biodh sàr ùidh aige - fìdhlearachd agus iasgach. Ràinig e an ìre a b' àirde anns an dà raon; na iasgair a' cruthachadh slat-iasgaich dha fhèin dham b' ainm 'Grant Vibration Rod', agus na fhìdhlear a bha na cheannard a' chuid bu mhotha de dhà fhichead bliadhna air Comann Ruidhle agus Strath-Spè na Gàidhealtachd, agus na shàr-eòlaiche air dòighean fìdhlean a dhèanamh. Rinn e cuideachd fidheall annasach chruinn dham b' ainm an 'Rondello'. Tha eisimpleir dhen t-slat-iasgaich, fidheall agus 'Rondello' aig Grannd ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.
Bha Grannd na dheagh charaid dhan neach-ciùil agus sgrìobhadair-ciùil Seumas Scott Skinner (1843-1927), am fear ris an cante gu tric 'Righ an t-Srath-Spè', agus a bha fìor chudromach ann a bhith a' leasachadh ceòl tradaiseanta na h-Alba. Chuir Skinner an litir seo (gun cheann-latha) gu Grannd. An seo, tha Skinner a' bruidhinn air pìos-ciùil a rinn Grannd 'Scott Skinner's Welcome to Inverness'. Tha e an dòchas a chur am measg an ath chruinneachaidh de phìosan-ciùil a bhios e a' clò-bhualadh, còmhla ri na puirt 'Johnny Walker' agus 'The Auld Wife's Cutty Pipe'. Tha Skinner cuideachd ag innse gu bheil e dol a chluich nan sia port as fheàrr aige air an rèidio