Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir gu Grannd o Skinner, an 14mh là deug dhen Fhaoilleach 1906, duilleag 4
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_SKINNER_038_A_008
DEIT
1906
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
7166
KEYWORDS
fìdhleirean
fìdhlean
slatan-iasgaich
litrichean
luchd-ciùil
sgrìobhadairean-ciùil
puirt Srath-Spè
Letter to Grant from Skinner, 14 Jan 1906, page 4

Bhuineadh Alasdair Grannd (1856-1942) don Bhadan Ghorm ann an Dhrochaid Chàrr, agus 's ann às a sin a thàinig am far-ainm aige - 'Battan'. Na bhalach chuir e eòlas air dà rud anns am biodh sàr ùidh aige - fìdhlearachd agus iasgach. Ràinig e an ìre a b' àirde anns an dà raon; na iasgair a' cruthachadh slat-iasgaich dha fhèin dham b' ainm 'Grant Vibration Rod', agus na fhìdhlear a bha na cheannard a' chuid bu mhotha de dhà fhichead bliadhna air Comann Ruidhle agus Strath-Spè na Gàidhealtachd, agus na shàr-eòlaiche air dòighean fìdhlean a dhèanamh. Rinn e cuideachd fidheall annasach chruinn dham b' ainm an 'Rondello'. Tha eisimpleir dhen t-slat-iasgaich, fidheall agus 'Rondello' aig Grannd ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.

Bha Grannd na dheagh charaid dhan neach-ciùil agus sgrìobhadair-ciùil Seumas Scott Skinner (1843-1927), am fear ris an cante gu tric 'Righ an t-Srath-Spè', agus a bha fìor chudromach ann a bhith a' leasachadh ceòl tradaiseanta na h-Alba. Sgrìobh Skinner an litir seo gu Grannd à Monikie faisg air Dùn Dè, air a' 14mh là dhen Fhaoilleach 1906. Air duilleag 4, tha Skinner a' taghadh grunn de phuirt bharraichte on 100 port Albannach as fheàrr, mar 'The Braes o'] Auchtertyre', 'Dean Brig', agus 'The Cradle Song'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir gu Grannd o Skinner, an 14mh là deug dhen Fhaoilleach 1906, duilleag 4

1900an

fìdhleirean; fìdhlean; slatan-iasgaich; litrichean; luchd-ciùil; sgrìobhadairean-ciùil; puirt Srath-Spè

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant - letters from J Scott Skinner

Bhuineadh Alasdair Grannd (1856-1942) don Bhadan Ghorm ann an Dhrochaid Chàrr, agus 's ann às a sin a thàinig am far-ainm aige - 'Battan'. Na bhalach chuir e eòlas air dà rud anns am biodh sàr ùidh aige - fìdhlearachd agus iasgach. Ràinig e an ìre a b' àirde anns an dà raon; na iasgair a' cruthachadh slat-iasgaich dha fhèin dham b' ainm 'Grant Vibration Rod', agus na fhìdhlear a bha na cheannard a' chuid bu mhotha de dhà fhichead bliadhna air Comann Ruidhle agus Strath-Spè na Gàidhealtachd, agus na shàr-eòlaiche air dòighean fìdhlean a dhèanamh. Rinn e cuideachd fidheall annasach chruinn dham b' ainm an 'Rondello'. Tha eisimpleir dhen t-slat-iasgaich, fidheall agus 'Rondello' aig Grannd ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.<br /> <br /> Bha Grannd na dheagh charaid dhan neach-ciùil agus sgrìobhadair-ciùil Seumas Scott Skinner (1843-1927), am fear ris an cante gu tric 'Righ an t-Srath-Spè', agus a bha fìor chudromach ann a bhith a' leasachadh ceòl tradaiseanta na h-Alba. Sgrìobh Skinner an litir seo gu Grannd à Monikie faisg air Dùn Dè, air a' 14mh là dhen Fhaoilleach 1906. Air duilleag 4, tha Skinner a' taghadh grunn de phuirt bharraichte on 100 port Albannach as fheàrr, mar 'The Braes o'] Auchtertyre', 'Dean Brig', agus 'The Cradle Song'