Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir gu Grannd o Skinner, an 5mh là dhen Fhaoilleach 1906, duilleag 2
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_SKINNER_039_002
DEIT
1906
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
7179
KEYWORDS
fìdhleirean
fìdhlean
slatan-iasgaich
luchd-ciùil
sgrìobhadairean-ciùil
cuirmean-ciùil, puirt Srath-Spè
Letter to Grant from Skinner, 5 Jan 1906, page 2

Bhuineadh Alasdair Grannd (1856-1942) don Bhadan Ghorm ann an Dhrochaid Chàrr, agus 's ann às a sin a thàinig am far-ainm aige - 'Battan'. Na bhalach chuir e eòlas air dà rud anns am biodh sàr ùidh aige - fìdhlearachd agus iasgach. Ràinig e an ìre a b' àirde anns an dà raon; na iasgair a' cruthachadh slat-iasgaich dha fhèin dham b' ainm 'Grant Vibration Rod', agus na fhìdhlear a bha na cheannard a' chuid bu mhotha de dhà fhichead bliadhna air Comann Ruidhle agus Strath-Spè na Gàidhealtachd, agus na shàr-eòlaiche air dòighean fìdhlean a dhèanamh. Rinn e cuideachd fidheall annasach chruinn dham b' ainm an 'Rondello'. Tha eisimpleir dhen t-slat-iasgaich, fidheall agus 'Rondello' aig Grannd ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.

Bha Grannd na dheagh charaid dhan neach-ciùil agus sgrìobhadair-ciùil Seumas Scott Skinner (1843-1927), am fear ris an cante gu tric 'Righ an t-Srath-Spè', agus a bha fìor chudromach ann a bhith a' leasachadh ceòl tradaiseanta na h-Alba. Sgrìobh Skinner an litir seo gu Grannd à Monikie faisg air Dùn Dè air a' 5mh là dhen Fhaoilleach 1906. Air duilleag 2 tha Skinner ag innse gum faodadh consart a bhith ann an Inbhir Nis air an 18mh dhen Fhaoilleah.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir gu Grannd o Skinner, an 5mh là dhen Fhaoilleach 1906, duilleag 2

1900an

fìdhleirean; fìdhlean; slatan-iasgaich; luchd-ciùil; sgrìobhadairean-ciùil; cuirmean-ciùil, puirt Srath-Spè

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant - letters from J Scott Skinner

Bhuineadh Alasdair Grannd (1856-1942) don Bhadan Ghorm ann an Dhrochaid Chàrr, agus 's ann às a sin a thàinig am far-ainm aige - 'Battan'. Na bhalach chuir e eòlas air dà rud anns am biodh sàr ùidh aige - fìdhlearachd agus iasgach. Ràinig e an ìre a b' àirde anns an dà raon; na iasgair a' cruthachadh slat-iasgaich dha fhèin dham b' ainm 'Grant Vibration Rod', agus na fhìdhlear a bha na cheannard a' chuid bu mhotha de dhà fhichead bliadhna air Comann Ruidhle agus Strath-Spè na Gàidhealtachd, agus na shàr-eòlaiche air dòighean fìdhlean a dhèanamh. Rinn e cuideachd fidheall annasach chruinn dham b' ainm an 'Rondello'. Tha eisimpleir dhen t-slat-iasgaich, fidheall agus 'Rondello' aig Grannd ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.<br /> <br /> Bha Grannd na dheagh charaid dhan neach-ciùil agus sgrìobhadair-ciùil Seumas Scott Skinner (1843-1927), am fear ris an cante gu tric 'Righ an t-Srath-Spè', agus a bha fìor chudromach ann a bhith a' leasachadh ceòl tradaiseanta na h-Alba. Sgrìobh Skinner an litir seo gu Grannd à Monikie faisg air Dùn Dè air a' 5mh là dhen Fhaoilleach 1906. Air duilleag 2 tha Skinner ag innse gum faodadh consart a bhith ann an Inbhir Nis air an 18mh dhen Fhaoilleah.