Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir gu Grannd o Skinner, 7mh là dhen Mhart 1924, duilleag 4
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_SKINNER_041_004
DEIT
1924
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
7206
KEYWORDS
fìdhleirean
fìdhlean
slatan-iasgaich
luchd-ciùil
sgrìobhadairean-ciùil
puirt Srath-Spè
Letter to Grant from Skinner, 7 March 1924, page 4

Bhuineadh Alasdair Grannd (1856-1942) don Bhadan Ghorm ann an Dhrochaid Chàrr, agus 's ann às a sin a thàinig am far-ainm aige - 'Battan'. Na bhalach chuir e eòlas air dà rud anns am biodh sàr ùidh aige - fìdhlearachd agus iasgach. Ràinig e an ìre a b' àirde anns an dà raon; na iasgair a' cruthachadh slat-iasgaich dha fhèin dham b' ainm 'Grant Vibration Rod', agus na fhìdhlear a bha na cheannard a' chuid bu mhotha de dhà fhichead bliadhna air Comann Ruidhle agus Strath-Spè na Gàidhealtachd, agus na shàr-eòlaiche air dòighean fìdhlean a dhèanamh. Rinn e cuideachd fidheall annasach chruinn dham b' ainm an 'Rondello'. Tha eisimpleir dhen t-slat-iasgaich, fidheall agus 'Rondello' aig Grannd ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.

Bha Grannd na dheagh charaid dhan neach-ciùil agus sgrìobhadair-ciùil Seumas Scott Skinner (1843-1927), am fear ris an cante gu tric 'Righ an t-Srath-Spè', agus a bha fìor chudromach ann a bhith a' leasachadh ceòl tradaiseanta na h-Alba. Sgrìobh Skinner an litir seo gu Grannd air an 7mh là dhen Mhàrt 1924 à 25 Sràid Bhictòria, Obar Dheathain. Air duilleag 4, tha Skinner ag innse gun do phàigh e £750 air a thaigh ann an Siorrachd Obar Dheathain (A' chiad agus an t-aon thaigh a cheannaich e riamh). Tha e cuideachd a' bruidhinn air a' bhean-taighe aige, Lily Richards, a bha fuireach na thaigh ann an Obar Dheathain

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir gu Grannd o Skinner, 7mh là dhen Mhart 1924, duilleag 4

1920an

fìdhleirean; fìdhlean; slatan-iasgaich; luchd-ciùil; sgrìobhadairean-ciùil; puirt Srath-Spè

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant - letters from J Scott Skinner

Bhuineadh Alasdair Grannd (1856-1942) don Bhadan Ghorm ann an Dhrochaid Chàrr, agus 's ann às a sin a thàinig am far-ainm aige - 'Battan'. Na bhalach chuir e eòlas air dà rud anns am biodh sàr ùidh aige - fìdhlearachd agus iasgach. Ràinig e an ìre a b' àirde anns an dà raon; na iasgair a' cruthachadh slat-iasgaich dha fhèin dham b' ainm 'Grant Vibration Rod', agus na fhìdhlear a bha na cheannard a' chuid bu mhotha de dhà fhichead bliadhna air Comann Ruidhle agus Strath-Spè na Gàidhealtachd, agus na shàr-eòlaiche air dòighean fìdhlean a dhèanamh. Rinn e cuideachd fidheall annasach chruinn dham b' ainm an 'Rondello'. Tha eisimpleir dhen t-slat-iasgaich, fidheall agus 'Rondello' aig Grannd ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.<br /> <br /> Bha Grannd na dheagh charaid dhan neach-ciùil agus sgrìobhadair-ciùil Seumas Scott Skinner (1843-1927), am fear ris an cante gu tric 'Righ an t-Srath-Spè', agus a bha fìor chudromach ann a bhith a' leasachadh ceòl tradaiseanta na h-Alba. Sgrìobh Skinner an litir seo gu Grannd air an 7mh là dhen Mhàrt 1924 à 25 Sràid Bhictòria, Obar Dheathain. Air duilleag 4, tha Skinner ag innse gun do phàigh e £750 air a thaigh ann an Siorrachd Obar Dheathain (A' chiad agus an t-aon thaigh a cheannaich e riamh). Tha e cuideachd a' bruidhinn air a' bhean-taighe aige, Lily Richards, a bha fuireach na thaigh ann an Obar Dheathain