Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir gu Grannd o Skinner, an 16mh là dhen Mhàrt 1916, duilleagan 2 agus 3
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_SKINNER_044_002
DEIT
1916
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
7218
KEYWORDS
fìdhleirean
fìdhlean
slatan-iasgaich
luchd-ciùil
sgrìobhadairean-ciùil
cuirmean-ciùil
Manson Scott Skinner
puirt Srath-Spè
Letter to Grant from Skinner, 16 March 1916, pages 2 & 3

Bhuineadh Alasdair Grannd (1856-1942) don Bhadan Ghorm ann an Dhrochaid Chàrr, agus 's ann às a sin a thàinig am far-ainm aige - 'Battan'. Na bhalach chuir e eòlas air dà rud anns am biodh sàr ùidh aige - fìdhlearachd agus iasgach. Ràinig e an ìre a b' àirde anns an dà raon; na iasgair a' cruthachadh slat-iasgaich dha fhèin dham b' ainm 'Grant Vibration Rod', agus na fhìdhlear a bha na cheannard a' chuid bu mhotha de dhà fhichead bliadhna air Comann Ruidhle agus Strath-Spè na Gàidhealtachd, agus na shàr-eòlaiche air dòighean fìdhlean a dhèanamh. Rinn e cuideachd fidheall annasach chruinn dham b' ainm an 'Rondello'. Tha eisimpleir dhen t-slat-iasgaich, fidheall agus 'Rondello' aig Grannd ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.

Bha Grannd na dheagh charaid dhan neach-ciùil agus sgrìobhadair-ciùil Seumas Scott Skinner (1843-1927), am fear ris an cante gu tric 'Righ an t-Srath-Spè', agus a bha fìor chudromach ann a bhith a' leasachadh ceòl tradaiseanta na h-Alba. Chuir Skinner an litir seo gu Grannd air an 16mh là dhen Mhàrt 1916, à Taigh-Òsta Darling's Regent ann an Dùn Èideann. An seo, tha Skinner ag innse mu na consartan a bha agus a bhitheas aige. Tha e cuideachd a' toirt iomradh air a' phòsadh aig a mhac Manson o chionn ghoirid, ann an Astràilia far a bheil e fuireach. Tha e crìochnachadh leis an naidheachd gun do dh'fhàg 'Druim Blàr' aige £100,000. (B' e Uilleam McHardy, Iarla Dhruim Blàir, fear de na taibheartaich aig Skinner). Rinn esan a chuid airgid o innleadaireachd ann an Ceann a deas Afraga, mus do thill e a dh'fhuireach ann an Taigh Dhruim Blàr, Forgue, faisg air Hunndaidh ann an Siorrachd Obar Dheathain

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir gu Grannd o Skinner, an 16mh là dhen Mhàrt 1916, duilleagan 2 agus 3

1910an

fìdhleirean; fìdhlean; slatan-iasgaich; luchd-ciùil; sgrìobhadairean-ciùil; cuirmean-ciùil; Manson Scott Skinner; puirt Srath-Spè

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant - letters from J Scott Skinner

Bhuineadh Alasdair Grannd (1856-1942) don Bhadan Ghorm ann an Dhrochaid Chàrr, agus 's ann às a sin a thàinig am far-ainm aige - 'Battan'. Na bhalach chuir e eòlas air dà rud anns am biodh sàr ùidh aige - fìdhlearachd agus iasgach. Ràinig e an ìre a b' àirde anns an dà raon; na iasgair a' cruthachadh slat-iasgaich dha fhèin dham b' ainm 'Grant Vibration Rod', agus na fhìdhlear a bha na cheannard a' chuid bu mhotha de dhà fhichead bliadhna air Comann Ruidhle agus Strath-Spè na Gàidhealtachd, agus na shàr-eòlaiche air dòighean fìdhlean a dhèanamh. Rinn e cuideachd fidheall annasach chruinn dham b' ainm an 'Rondello'. Tha eisimpleir dhen t-slat-iasgaich, fidheall agus 'Rondello' aig Grannd ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.<br /> <br /> Bha Grannd na dheagh charaid dhan neach-ciùil agus sgrìobhadair-ciùil Seumas Scott Skinner (1843-1927), am fear ris an cante gu tric 'Righ an t-Srath-Spè', agus a bha fìor chudromach ann a bhith a' leasachadh ceòl tradaiseanta na h-Alba. Chuir Skinner an litir seo gu Grannd air an 16mh là dhen Mhàrt 1916, à Taigh-Òsta Darling's Regent ann an Dùn Èideann. An seo, tha Skinner ag innse mu na consartan a bha agus a bhitheas aige. Tha e cuideachd a' toirt iomradh air a' phòsadh aig a mhac Manson o chionn ghoirid, ann an Astràilia far a bheil e fuireach. Tha e crìochnachadh leis an naidheachd gun do dh'fhàg 'Druim Blàr' aige £100,000. (B' e Uilleam McHardy, Iarla Dhruim Blàir, fear de na taibheartaich aig Skinner). Rinn esan a chuid airgid o innleadaireachd ann an Ceann a deas Afraga, mus do thill e a dh'fhuireach ann an Taigh Dhruim Blàr, Forgue, faisg air Hunndaidh ann an Siorrachd Obar Dheathain