Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceòl sgrìobhte airson 'Johnnie Walker' & 'The Auld Wife's Cutty Pipe'
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_SKINNER_057_001
DEIT
1924
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
7270
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
luchd ciùil
sgrìobhaichean ciùil
cuirmean ciùil
srathan spè
Sheet Music for 'Johnnie Walker' & 'The Auld Wife's Cutty Pipe'

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall sònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.

Bha an Granndach na charaid mòr dha neach-ciùil agus neach-sgrìobhaidh ciùil eile. B' e sin Seumas Scott Skinner (1843-1927), a bha na phrìomh mheadhan air leasachadh ciùil traidiseanta na h-Alba agus bhathar gu tric ga ainmeachadh mar 'Rìgh an t-Srathspè'.

Is e seo aon de na foillseachaidhean deireannach aig Skinner, a chaidh a chur ann an clò leis a' chompanaidh Mac an Tàilleir agus MacEanraig à Obar Dheathain sa Ghiblean 1924. Is e seo an ceòl sgrìobhte airson 'Seonaidh Walker' (le Skinner) agus 'The Auld Wife's Cutty Pipe' (le Iain MacCardaidh)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceòl sgrìobhte airson 'Johnnie Walker' & 'The Auld Wife's Cutty Pipe'

1920an

fìdhlearan; fìdhlean; luchd ciùil; sgrìobhaichean ciùil; cuirmean ciùil; srathan spè

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Alexander Grant - printed sheet music

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall sònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.<br /> <br /> Bha an Granndach na charaid mòr dha neach-ciùil agus neach-sgrìobhaidh ciùil eile. B' e sin Seumas Scott Skinner (1843-1927), a bha na phrìomh mheadhan air leasachadh ciùil traidiseanta na h-Alba agus bhathar gu tric ga ainmeachadh mar 'Rìgh an t-Srathspè'.<br /> <br /> Is e seo aon de na foillseachaidhean deireannach aig Skinner, a chaidh a chur ann an clò leis a' chompanaidh Mac an Tàilleir agus MacEanraig à Obar Dheathain sa Ghiblean 1924. Is e seo an ceòl sgrìobhte airson 'Seonaidh Walker' (le Skinner) agus 'The Auld Wife's Cutty Pipe' (le Iain MacCardaidh)