Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir gu Alasdair Grannd bho Scott Skinner, 4 Cèitean 1924
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_SKINNER_057_002
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
7272
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan-iasgaich
luchd-ciùil
sgrìobhaichean
srathan-spè
Letter to Alexander Grant from Scott Skinner, 4 May 1924

Bhuineadh Alasdair Grannd (1856 - 1942) do Bhattangorm, Drochaid Chàrr, agus b' ann bho ainm a' bhaile a thàinig am far-ainm aige - "Battan". Na bhalach bha e an lùib an dà rud bu mhotha anns am biodh ùidh aige fad a bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Dh'fhàs e air leth math air an dà chuid; na iasgair-slait dh'innlich e a shlat shònraichte fhèin air an robh 'Grant Vibration Rod', agus na fhìdhlear bha e os cionn Comann Srath-spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd cha mhòr fad fichead bliadhna agus bha e na eòlaiche air mar a dhèanar fidheall. Dh'innlich e cuideachd fidheall shònraichte air cruth clàir air an robh "Rondello". Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Inbhir Nis (IMAG).

Bha an Granndach na dheagh charaid aig Seumas Scott Skinner (1843-1927) a bha cuideachd na fhear-ciùil 's na sgrìobhaiche. Bha àite mòr aig Skinner ann an leasachadh ceòl traidiseanta na h-Alba agus chanadh ris gu tric 'Rìgh an Sratha-spè'. Chaidh an litir seo lei an deit 4 cèitean 1924 a chur chun a' Ghranndaich le Skinner bho 25 Sràid Bhictòria, Obar Dheathain. San litir tha Skinner a' bruidhinn air aon de na foillseachaidhean as ùire aige, 'Johnnie Walker', agus leabhar ùr a tha e a' cur roimhe - 'The Aberdeen Collection'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir gu Alasdair Grannd bho Scott Skinner, 4 Cèitean 1924

1920an

fìdhlearan; fìdhlean; slatan-iasgaich; luchd-ciùil; sgrìobhaichean; srathan-spè

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant - letters from J Scott Skinner

Bhuineadh Alasdair Grannd (1856 - 1942) do Bhattangorm, Drochaid Chàrr, agus b' ann bho ainm a' bhaile a thàinig am far-ainm aige - "Battan". Na bhalach bha e an lùib an dà rud bu mhotha anns am biodh ùidh aige fad a bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Dh'fhàs e air leth math air an dà chuid; na iasgair-slait dh'innlich e a shlat shònraichte fhèin air an robh 'Grant Vibration Rod', agus na fhìdhlear bha e os cionn Comann Srath-spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd cha mhòr fad fichead bliadhna agus bha e na eòlaiche air mar a dhèanar fidheall. Dh'innlich e cuideachd fidheall shònraichte air cruth clàir air an robh "Rondello". Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Inbhir Nis (IMAG).<br /> <br /> Bha an Granndach na dheagh charaid aig Seumas Scott Skinner (1843-1927) a bha cuideachd na fhear-ciùil 's na sgrìobhaiche. Bha àite mòr aig Skinner ann an leasachadh ceòl traidiseanta na h-Alba agus chanadh ris gu tric 'Rìgh an Sratha-spè'. Chaidh an litir seo lei an deit 4 cèitean 1924 a chur chun a' Ghranndaich le Skinner bho 25 Sràid Bhictòria, Obar Dheathain. San litir tha Skinner a' bruidhinn air aon de na foillseachaidhean as ùire aige, 'Johnnie Walker', agus leabhar ùr a tha e a' cur roimhe - 'The Aberdeen Collection'