Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir gu Alasdair Grannd bho Scott Skinner, duilleag 2
EXTERNAL ID
Z_GB1796_GRANT_979_65_SKINNER_058_002
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
7278
KEYWORDS
fìdhlearan
fìdhlean
slatan-iasgaich
luchd-ciùil
sgrìobhaichean
srathan-spè
Letter to Alexander Grant from Scott Skinner, page 2

Bhuineadh Alasdair Grannd (1856 - 1942) do Bhattangorm, Drochaid Chàrr, agus b' ann bho ainm a' bhaile a thàinig am far-ainm aige - "Battan". Na bhalach bha e an lùib an dà rud bu mhotha anns am biodh ùidh aige fad a bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Dh'fhàs e air leth math air an dà chuid; na iasgair-slait dh'innlich e a shlat shònraichte fhèin air an robh 'Grant Vibration Rod', agus na fhìdhlear bha e os cionn Comann Srath-spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd cha mhòr fad fichead bliadhna agus bha e na eòlaiche air mar a dhèanar fidheall. Dh'innlich e cuideachd fidheall shònraichte air cruth clàir air an robh "Rondello". Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Inbhir Nis (IMAG).

Bha an Granndach na dheagh charaid aig Seumas Scott Skinner (1843-1927) a bha cuideachd na fhear-ciùil 's na sgrìobhaiche. Bha àite mòr aig Skinner ann an leasachadh ceòl traidiseanta na h-Alba agus chanadh ris gu tric 'Rìgh an Sratha-spè'. Chaidh an litir seo, leis an deit 11 Màrt (a' bhliadhna neo-aithnichte) a chur chun a' Ghranndaich le Skinner à Monikie, faisg air Dùn Deagh. San litir tha Skinner ag ràdh gum bu mhiann leis trì fuinn a chluich còmhla ri còmhlan-ciùil a' Ghranndaich. Tha e cuideachd ag ainmeachadh D. Moireach, fìdhlear ann am fèileadh bho Haddington a tha air corra chlas a bhuannachadh aig farpais ann am Baile Fharfair bho chionn ghoirid

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir gu Alasdair Grannd bho Scott Skinner, duilleag 2

fìdhlearan; fìdhlean; slatan-iasgaich; luchd-ciùil; sgrìobhaichean; srathan-spè

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Alexander Grant - letters from J Scott Skinner

Bhuineadh Alasdair Grannd (1856 - 1942) do Bhattangorm, Drochaid Chàrr, agus b' ann bho ainm a' bhaile a thàinig am far-ainm aige - "Battan". Na bhalach bha e an lùib an dà rud bu mhotha anns am biodh ùidh aige fad a bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Dh'fhàs e air leth math air an dà chuid; na iasgair-slait dh'innlich e a shlat shònraichte fhèin air an robh 'Grant Vibration Rod', agus na fhìdhlear bha e os cionn Comann Srath-spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd cha mhòr fad fichead bliadhna agus bha e na eòlaiche air mar a dhèanar fidheall. Dh'innlich e cuideachd fidheall shònraichte air cruth clàir air an robh "Rondello". Tha eisimpleir de shlat-iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Inbhir Nis (IMAG).<br /> <br /> Bha an Granndach na dheagh charaid aig Seumas Scott Skinner (1843-1927) a bha cuideachd na fhear-ciùil 's na sgrìobhaiche. Bha àite mòr aig Skinner ann an leasachadh ceòl traidiseanta na h-Alba agus chanadh ris gu tric 'Rìgh an Sratha-spè'. Chaidh an litir seo, leis an deit 11 Màrt (a' bhliadhna neo-aithnichte) a chur chun a' Ghranndaich le Skinner à Monikie, faisg air Dùn Deagh. San litir tha Skinner ag ràdh gum bu mhiann leis trì fuinn a chluich còmhla ri còmhlan-ciùil a' Ghranndaich. Tha e cuideachd ag ainmeachadh D. Moireach, fìdhlear ann am fèileadh bho Haddington a tha air corra chlas a bhuannachadh aig farpais ann am Baile Fharfair bho chionn ghoirid