Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tobhtaichean taighe san t-sneachd
EXTERNAL ID
GAIRLOCHM_2009
ÀITE
A' Chathair Bhea
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
AITHNEACHADH MAOINE
7347
KEYWORDS
sneachd
sneachda
geamhradh
croitean
taighean croite
taigh tughaidh
Ruined house at Kerrysdale

Chan eil fhios càit an deach an dealbh seo a thogail, ach tha tobhtaichean mar seo glè fhurast an lorg air feadh na Gàidhealtachd. 'S e seo fear den stoidhle nas ùire, le similear air gach gèibil. Dh'fhaodadh taighean croite den stoidhle na b' aosta, far an tigeadh ceò an teine mònach a-mach tron tughadh na thìde fhèin, a bhith gu math ceòthach nam broinn.

Mus tàinig Achd Glèidhidh nan Croitean (Alba) 1886 a-steach, cha robh cinnt sam bith aig croitearan às an fhearann ('s mar sin an taigh) aca agus dh'fhaodadh iad a bhith air an cur a-mach às an fhearann gun mhòran rabhaidh. Dh'fhàg seo leisg air na croitearan airgead a chaitheamh air leasachadh an taighean. Thug Achd 1886 cinnt do na croitearan às a' ghabhaltas air a' chroit agus bhrosnaich e leasachadh nan taighean-croite. 'S e bhith a' cur shimilearan ris an taigh fear de na leasachaidhean sin a bhiodh tric air a dhèanamh.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tobhtaichean taighe san t-sneachd

sneachd; sneachda; geamhradh; croitean; taighean croite; taigh tughaidh

Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch

Gairloch Heritage Museum, Photograph Collection