Ùrachadh mu Dheireadh 30/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Duilleag tiotail; Dealbh Taigh an t-Sruthain
EXTERNAL ID
Z_HCD_CLARION_002
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
7358
KEYWORDS
pàipear-naidheachd
iris
MacNeacail
Ally Willie MacNeacail
Clarion
Clarion of Skye
Clarion an Eilein
Taigh an t-Sruthain
Title sheet: Struan House Photograph

Nochd a' chiad iris de The Clarion of Skye sa Ghearran 1951. Bha an aon duilleag fulscap, a chosg 2½d, air a sgrìobhadh 's air a cur a-mach ann an dachaigh Alasdair U. MhicNeacail, Taigh an t-Sruthain ann am Bràcadal san Eilean Sgitheanach. Rugadh Alasdair, ris an cante 'Ally Willie', ann an 1900 agus b' ann leis a bha Stòr Bhracadail. B' e fear dealasach geur a bh' ann, agus dheasaich e an iris naidheachdan mhìosail suas dhan iris mu dheireadh anns a' Chèitean 1957, 's e air cur an cèill gun robh an Clarion ri bhith na mheadhan air càirdeas sòisealta agus eaconamach a bhrosnachadh air feadh an Eilein, gu dearbh air feadh nan Eilean, na Gàidhealtachd agus aig a' cheann thall Alba gu lèir. O thoiseach bhiodh brosnachaidhean ann gu cunbhalach bhon Deasaiche. Bhiodh MacNeacail ag iarraidh air òigridh tilleadh gu glinn an Eilein, agus air muinntir an àite a' chuid as fheàrr a dhèanamh de na cothroman a bha na bheachd-san air an eilean.

Chuir sanasachd ri maoineachadh a' phròiseict, agus duilleagan an 'Inter-Island Advertiser '('The Highland Trader' an dèidh sin) a' giùlan shanasan airson iomadach rud, nam measg tractaran, feòcallain, ròineach agus seirbheis nigheadaireachd tron phost. Ged nach robh ach 150 leth-bhreac de na ciad irisean air an clò-bhualadh, anns an Ògmhios 1951 bha an iris naidheachdan ochd duilleagan ga clò-bhualadh gu proifeiseanta ann an Inbhir Pheofharain agus bha a' phrìs air èirigh gu 6d. Taobh a-staigh bliadhna, bha 16 duilleagan san Clarion of Skye le iar-abairt ainmeil 'Onward Skye! Queen of the West' agus còrr is 1000 leth-bhreac gach mìos gan cur mun cuairt. Leis gun robh barrachd dhuilleagan ann bha àite ann airson bàrdachd, litrichean, sgeulachdan èibhinn agus aithrisean air an t-sìde. Eadar artagailean air suidheachadh Suez agus am Boma-h bhiodh cunntas air a' Mhòd ionadail, prìsean aig na fèilltean chruidh agus iomradh air buntàta sònraichte mòr (1.4cg) no radain cianail mòr (44cm). Bha am measgachadh seo de chùisean ionadail agus artagailean tomadach a' còrdadh ri muinntir an àite, luchd-tadhail agus fògarraich, agus bha luchd-ceannach a' Clarion rim faotainn air feadh an t-saoghail bho Alba Nuadh dhan t-Sudan

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Duilleag tiotail; Dealbh Taigh an t-Sruthain

INBHIR NIS

1950an

pàipear-naidheachd; iris; MacNeacail; Ally Willie MacNeacail; Clarion; Clarion of Skye; Clarion an Eilein; Taigh an t-Sruthain