Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Pàipear-sgrìobhaidh Bùth-chungadair a' Chaoil
EXTERNAL ID
Z_HCD_DOC_0001_01
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROSS AND CROMARTY: Lochalsh
DEIT
1912
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
7361
KEYWORDS
litir
pàipear-sgrìobhaidh
bùth-chungadair
Kyle Pharmacy headed notepaper

Pàipear-sgrìobhaidh Dhonnchaidh Mhic a' Phearsain, cungadair a' Chaoil. Bha Mac a' Phearsain dèigheil air deilbh a thogail agus bha bathar chamara aige anns a' bhùth, mar film chamara, pàipear is ceimigich dheilbh. Bhiodh e a' clò-bhualadh dhealbhan cuideachd.

Tha an suaicheantas gu math spaideil agus tha mòrachd anns an aithris gun robh Mac a' Phearsain "By appointment Chemist to H.H.The Maharajah Gaekwar of Baroda". Bha oighreachd faisg air a' Chaol aig a' Mhaharajah airson greis, agus tha coltas gun robh Mac a' Phearsain a' solarachadh stuthan dha on bhùth-chungadair. Mar sin, bha e a' cleachdadh an t-suaicheantas seo, 's dòcha airson fealla-dhà. Tha an litir a' toirt iomradh air cunntas Fhoirbeis MhicIlleDhuinn, a bhiodh an còmhnaidh a' ceannach bathar chamara o Mhac a' Phearsain, le a fhreagairt sgrìobhte air a' chùl.

'S e seo pàirt de thasglann de phàipearan co-cheangailte ri Bùth-chungadair Dhonnchaidh Mhic a' Phearsain, còmhla ri mu 1200 dealbh

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Pàipear-sgrìobhaidh Bùth-chungadair a' Chaoil

ROSS AND CROMARTY: Lochalsh

1910an

litir; pàipear-sgrìobhaidh; bùth-chungadair

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (documents)